A bheil taic a dhìth ort le FilmG? 28 Lùnastal 2023
Tha na sgoiltean air ais, tha oileanaich ag ullachadh airson tilleadh, agus tha na saor-làithean seachad. Tha sin a’ ciallachadh gu bheil bùthan-obrach FilmG a’ tòiseachadh a-rithist.
Faodaidh duine sam bith a tha airson film a dhèanamh leum dìreach air beulaibh a’ chiutha. Ge bith an e buidheann no neach fa leth a th’ annad, ma tha beachd agad no ma tha thu airson do sgilean a leasachadh, ’s urrainn dhuinn do chuideachadh.
Bidh bùthan-obrach a’ ruith gu deireadh na Samhna, ach tha an clàr-ama againn a’ lìonadh. Ge bith a bheil thu a’ riochdachadh àrd-sgoil, oilthigh, no coimhearsnachd, cuir fios thugainn no bi deiseil airson gnogadh a chluinntinn air an doras agad.
Tha lìonra de dh’oidean aig FilmG a chuidicheas le bhith a’ toirt do lèirsinn beò, agus tha stuth agus bathar-bog againn a dh’ fhaodas tu a chleachdadh gus am bi bùthan-obrach a’ freagairt air na feumalachdan agad.
Tha riaghailtean na farpais air an làrach-lìn againn, ach tha e furasta – cruthaich film nas giorra na còig mionaidean agus cuir a-steach e gu FilmG ro 8 Dùbhlachd 2023. Chan fheum na filmichean a bhith mun Ghàidhlig; ach a bhith sa Ghàidhlig.
’S e ‘Mo Shealladh’ cuspair na bliadhna-sa. Chan eil ach aon roinn a’ cuimseachadh air seo, mar sin dèan am film agad mu rud sam bith a tha thu ag iarraidh – film a bhiodh tu fhèin airson fhaicinn!
Airson liosta nan roinnean fhaicinn agus airson a chuir a-steach do FilmG, tadhail air www.filmg.co.uk no cuir fios thugainn aig filmg@astarmedia.scot.