Farpais Mòd 2023 16 Dàmhair 2023
Mar a chuireas sibh a-steach:
Thairis air seachdain a’ Mhòid (16 – 20 Dàmhair 2023), cuir suas dealbh de do shealladh air na meadhanan sòisealta agad (no air duilleag a dh’fhaodas tu a chleachdadh – sgoil/oilthigh/buidheann). Chan fheum thu a bhith aig A’ Mhòd airson pàirt a ghabhail san fharpais.
Dèan tag air @filmg_alba air Instagram no TikTok, no @filmgalba air Facebook no Twitter.
Dèan cinnteach gun cleachd thu na hashtags #FilmG #Gàidhlig.
Like/Lean na meadhanan sòisealta againn.
Tha an fharpais a’ dùnadh aig 4f, 20 Dàmhair 2023.
An duais: Fàilte neon sign.
Thèid am buannaiche a thaghadh air thuaiream le gineadair taghaidhean tuaireamach air-loidhne.
Riaghailtean
Feumaidh farpaisich a bhith nas sine na 13 bliadhna airson pàirt a ghabhail san fharpais, agus feumaidh iad a bhith nas sine na 16 bliadhna gus an dealbh aca a chur air na meadhanan sòisealta aca, no ma iad nas òige na 16 bliadhna, feumaidh cead a bhith aca bho phàrant/neach-glèidhidh airson cunntas eile a chleachdadh.
Feumaidh farpaisich a bhith nan neach-fuirich laghail ann an Alba.
Chan eil an fharpais fosgailte do luchd-obrach an neach-brosnachaidh (no an teaghlach faisg orra), an luchd-ionaid, no duine sam bith ceangailte ris an fharpais ann an dòigh phroifeasanta.
Tha an fharpais a’ fosgladh air 16 Dàmhair 2023 agus a’ dùnadh aig 4f (GMT) 20 Dàmhair 2023. Chan eil dleastanas aig Astar Media airson inntrigidhean a tha fadalach, air chall no anmoch. Cha tèid inntrigidhean nach eil deiseil no a tha do-leughte a ghabhail.
Thèid inntrigidhean a ghabhail ma thèid dealbh a chur air TikTok, Instagram, Twitter no Facebook a tha a’ dèanamh tag air FilmG air na meadhanan sòisealta sin (@filmgalba air Facebook agus Twitter / @filmg_alba air Instagram agus TikTok).
Chan eil os-mheud de dh’inntrigidhean ann airson cuideigin a tha a’ gabhail pàirt.
Feumaidh luchd-inntrigidh FilmG a leantainn air na meadhanan sòisealta a chleachd iad airson an dealbh aca fhoillseachadh. Bheir seo an cothrom dhuinn teachdaireachd a chur thuca gus dearbhadh gun d’ fhuair sinn an dealbh aca agus air eagal ’s gum bi feum air barrachd conaltraidh.
Thèid a h-uile farpaisich a chur a-steach gu gineadair taghaidhean tuaireamach air-loidhne far an tèid am buannaiche a thaghadh air thuaiream.
Thèid am buannaiche fhoillseachadh air na meadhanan sòisealta aig FilmG air Dihaoine 20 Dàmhair 2023. Le bhith a’ gabhail pàirt anns an fharpais, tha thu a’ toirt cead dhuinn seo a dhèanamh.
Chan eil an fharpais seo cleamhnaichte, an cois, no a’ faighinn sponsair bho gin de na meadhanan sòisealta a chaidh ainmeachadh gu h-àrd.
Chan urrainnear rud eile fhaighinn an àite an duais a chaidh ainmeachadh, agus chan urrainnear fhaighinn mar airgead. Mura h-eil an duais againn airson adhbhar air choreigin, tha e ceadaichte dha Astar Media duais eile a thoirt seachad a tha den aon luach no nas àirde.
Tha an co-dhùnadh aig Astar Media dearbhte, agus cha tachair conaltradh sam bith eile mu dheidhinn.
Cuimhnichibh, le bhith a’ cur a-steach an dealbh seo, tha sibh a’ toirt barantas dha Astar Media gu bheil na tha sibh a’ cur a-steach mar an obair agaibh fhèin agus nach eil e a’ briseadh a-steach air còraichean no prìobhaideachas cuideigin eile
Mura h-eil e comasach dhan fharpais a’ ruith mar a bha dùil, airson adhbharan a leithid cron air sàillibh bhìoras air a’ choimpiutair, lìonra fònaichean a’ fàilligeadh, milleadh, eadar-mheadhan nach eil ceadaichte, foill, fàilligeadh teicnigeach, no adhbharan eile thar smachd Astar Media a tha a’ dèanamh cron air rianachas teàrainteachd, cothromachd, eanracas, no stiùir ceart na farpaise, tha còir aig Astar Media am farpais a chur dheth, a thoirt gu crìoch, atharrachadh no a chur gu bhall, no a’ cur an neo-bhrìgh air gin de na bhidiothan air an tug e buaidh.
’S ann le Astar Media a bhios na h-inntrigidhean. Thèid fiosrachadh pearsanta a chleachdadh a-mhàin le Astar Media airson na farpaise a rianachadh.
Tha còir aig Astar Media an inntrigidh a chur air na meadhanan sòisealta aig FilmG.
Ma tha ceistean sam bith agaibh, leigibh fios gu sgioba FilmG aig filmg@astarmedia.scot air neo Astar Media, Stornoway Business Hub, 9 Bank Street, Stornoway HS1 2XG.