Geàrr-liostaichean Beò airson FilmG 23 Faoilleach 2024
’S dòcha gu bheil cuid agaibh a’ coimhead air adhart ri na Baftas agus Oscars, ach tha coimhearsnachdan Gàidhlig trang ag ullachadh airson an oidhche film Gàidhlig as motha den bhliadhna: na Duaisean FilmG.
Geàrr-liostaichean -18 Geàrr-liostaichean 18+
Tha còrr air 50 film air na geàrr-liostaichean airson Duaisean FilmG; oidhche a bhios a’ comharrachadh nan sgeulaichean agus nam filmeadairean Gàidhlig as fheàrr ann an Alba agus nas fhaide air falbh. Bidh buannaichean air an crùnadh ann an roinnean leithid an Cluiche as Fheàrr, Coltas as Fheàrr, Sàr-dhuais Teicnigeach agus an duais chliùiteach airson am Film as Fheàrr.
Air thoiseach le ceithir ainmeachaidhean san fharpais -18 tha ‘A Bheil Thu An Sin?’, dràma saidhgeòlach leis a’ bhuidheann neo-eisimeileach ùr, Lost Rollerskate Pictures, bho Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu.
Anns an fharpais 18+, tha ‘Blàr nan Gàidheal’ aig a’ charthannas Inbhir Nis FC Sonas, a tha ag innse sgeulachd a’ chiad gheama ball-coise oifigeil ann an Gàidhlig, le ceithir ainmeachaidhean, air a leantainn gu dlùth le Tormod MacLeòid, a tha stèidhichte ann an Eilean Leòdhais, ‘An Tiodhlaiceadh’ (le trì ainmeachaidhean).
Le obair nam britheamhan a-nis deiseil, ‘s e Duaisean Roghainn FilmG na h-aon roinnean fhathast ri cho-dhùnadh, le bhòt phoblach airson nan roinnean sin fhathast fosgailte gu meadhan oidhche, 2 Gearran. Faodar bhòtaichean a chuir a-steach air-loidhne leis a’ phoball aig www.FilmG.co.uk.
Thuirt Rachel Kennedy, Britheamh FilmG agus rionnag an t-sreath dràma ainmeil An Clò Mòr air BBC ALBA:
“’S e bliadhna air leth a th’ air a bhith ann airson FilmG, le còrr air 160 tagradh – an àireamh as àirde de fhilmichean bho thòisich an fharpais. Tha am miann airson na farpais sgoinneil, ach tha e a’ fàgail ar n-obair mar bhritheamhan uabhasach duilich leis gu bheil uimhir de thàlant ann. Thathas air beachdachadh gu faiceallach air a’ gheàrr-liosta againn agus tha e a’ taisbeanadh nam filmeadairean Gàidhlig as fheàrr a tha stèidhichte air riochdachadh, comas teicnigeach, agus seanchas. Bho sàr-sgilean beò-dhealbhaidh gu prògraman aithriseach faireachail; tha an ìre àrd de thàlant, cruthachaileachd, agus oidhirp air a bhith follaiseach anns a h-uile film air a’ gheàrr-liosta agus tha iad uile airidh air a bhith sa chuairt dheireannaich.”
Thuirt Megan Dale, Manaidsear Pròiseict FilmG:
“B’ e ‘Mo Shealladh’ cuspair na bliadhna-sa agus ghabh a h-uile duine seo tro bhith a’ taisbeanadh nan diofar sheallaidhean aca. Tha na filmichean air a’ gheàrr-liosta a’ nochdadh tuigse dhomhainn air sealladh agus cho cudromach ‘s a tha e èisteachd ri iomadach guth na h-Alba. Tha an luchd-ainmichte fhèin a’ riochdachadh diofar sheallaidhean bho air feadh na h-Alba, a’ gabhail a-steach Inbhir Theòrsa, Port Rìgh, Glaschu, Na Hearadh, Leòdhas, Dùn Omhain, agus Inbhir Nis. Gu tric, nuair a smaoinicheas sinn air gnìomhachas nam film, bidh sinn a’ smaoineachadh air Lunnainn no Glaschu, ach tha FilmG a’ sealltainn gu bheil beairteas de thàlant ri lorg anns gach ceàrnaidh de dh’Alba (agus nas fhaide air falbh) agus gu bheil e cudromach na guthan sin a bhrosnachadh gu bhith air an cluinntinn.”
Thuirt Magaidh Nic an Tàilleir, Manaidsear Clàr-phrògraman aig MG ALBA:
“Meal an naidheachd air a h-uile neach-ainmichte am-bliadhna – tha e mìorbhaileach a bhith faicinn taghadh cho eadar-mheasgte de sgeulachdan agus a bhith ag aithneachadh an sgil, an tàlant, agus an oidhirp mhòr theicnigeach a bheir e gus an toirt beò. Tha oidhche nan Duaisean na àite far an tèid an tàlant seo aithneachadh agus tha mi air bhioran faicinn cò a thèid a chrùnadh mar bhuannaichean FilmG air 23 Gearran. Airson a’ chiad uair a-riamh, tha filmeadairean à Eilean Mhanainn agus Canada air a’ gheàrr-liosta, a’ sealltainn ruigsinneachd eadar-nàiseanta farpais nam film Gàidhlig. Tha sinn an dòchas leantainn air adhart a’ leasachadh ceanglaichean thar-nàiseanta FilmG agus a’ toirt taic do fhilmeadairean tàlantach a tha a’ nochdadh air feadh Alba.”
Thèid Duaisean FilmG a chumail air 23 Gearran ann an Audrium Laomainn, SEC ann an Glaschu. Thèid na duaisean a chraoladh beò air YouTube le prògram gu bhith air a chraoladh dà latha às dèidh sin air BBC ALBA (Didòmhnaich 25 Gearran.)
Geàrr-liostaichean air fad:
-18
Film as Fheàrr (-18)
- Bràthair Mòr Nan Gàidheal!! – Fionnlagh & Calum Moireasdan
- Na Caimbeulaich – Sgoil Ghràmair Dhùn Omhain
- Iomlaineachd – Parker Dawes
- A Bheil Thu An Sin? – Dealbhan Spèileachan-rola Air Chall
Cluiche as Fheàrr (-18)
- Benji Bell & Raonaid NicUilleam – A’ Foghlam SGG
- Iseabel NicRath – Bean na Bainnse
- Hannah Robasdan – Seo do Bheatha
- Billy Rodgers – Beatha Dìomhair nan Tidsearan
- Fionnlagh & Calum Moireasdan – Bràthair Mòr Nan Gàidheal!!
- Tòmas Dimbleby Weber – A Bheil Thu An Sin?
Film Aithriseach as Fheàrr (-18)
- BaidhsaGaels – Balaich CnaG Àrd-sgoil MhicNeacail
- Ar Sealladh aig Àrd-sgoil Inbhir Theòrsa – Àrd-sgoil Inbhir Theòrsa
- Mrs NicDhòmhnaill – Àrd-sgoil Phort Rìgh
- Aillse, Sealladh Marsaili – Sgoil Lìonacleit
Rionnag as Fheàrr (-18)
- Donaidh MacAsgaill – Òran Eile Don Phrionnsa
- Jasmine Krzyzanowska-Pawlak – Sealladh na Bànrigh
- Willow NicFhearghais – Mrs NicDhòmhnaill
- Isla Scott – Nuair Thigeas An Oidhch’
- Sophie Nic a’ Ghobhainn – An Glaoine Nan Draoidh
- Silas MacIlleDhuinn – Ionndrainn
Coltas as Fheàrr (-18)
- Bean na Bainnse – Clas nam Meadhanan Àrd-sgoil Phort Rìgh
- A Bheil Thu An Sin? -Dealbhan Spèileachan-rola Air Chall
- Iomlaineachd – Parker Dawes
- Na Caimbeulaich – Sgoil Ghràmair Dhùn Omhain
Sgioba Òg as Fheàrr (-18)
- Dè Do Bheachd? – Sgoil an Taobh Siar
- Fògarrach no Fortanach? – Bun-sgoil Bruach na Muilne
- Cluedo – Àrd-sgoil Greenfaulds
- Sealladh à Siabost – Sgoil Shiaboist & Comann Eachdraidh an Taobh Siar
- Am Bodach Bochd – Sgoil Stafainn
- Fuirich air Falbh – Sgoil a’ Bhac
Sgeulachd as Fheàrr (-18)
- Sgàthan – Rosa O’Halloran
- A Bheil Thu An Sin? – Dealbhan Spèileachan-rola Air Chall
- Òran Eile Don Phrionnsa – Àrd-sgoil Àird nam Murchan
- Iain Isbean agus a’ Chaora Bheag – Àrd-sgoil Thiriodh
- An Dà Shealladh – Acadamaidh Bhràghad Albainn
- Dè Thachair? – Sgoil Ghràmair Dhùn Omhain
An Duais Bhrosnachail (-18)
- Ar Sgoil, Ar Sealladh – Àrd sgoil Cheann Loch Biorbhaidh
- An Dà Shealladh – Acadamaidh Bhràghad Albainn
- Ar Sealladh aig Àrd-sgoil Inbhir Theòrsa – Àrd-sgoil Inbhir Theòrsa
- An Dam – Bunscoill Ghaelgagh, Eilean Mhanainn
- An Tàillear Paraisteach – Sgoil Hogama, Alba Nuadh
- Sealladh na Seachdain – Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis
18+
Film as Fheàrr (18+)
- Sealladh mo Sheanair – Kayleigh Bell
- An Tiodhlaiceadh – Tormod MacLeòid
- Brògan – Niamh Blane
- Blàr nan Gàidheal – FC Sonas
Cluiche as Fheàrr (18+)
- Cara Turner & Ciorstaidh NicBheathain – Barabal
- Evie Waddell – Fios no Fois
- Dùghall Mac a’ Phì – An Leabhar Prìseil
- Coinneach Mac a’ Ghobhainn – An Tiodhlaiceadh
- Blythe NicUilleam – Blythe aguas Dyslexia
- Niamh Blane – Brògan
An Duais Coimhearsnachd (18+)
- Blàr nan Gàidheal – FC Sonas
- Còisir – Mgr M! – Raonaid Urchadan
- Màthair Giuthais – Lateral North & Ali Berardelli
- Ar Coimhearsnachd, Ar Beachdan – Urras Oighreachd Ghabhsainn
Coltas as Fheàrr (18+)
- Rach Air Chuairt Cuimhne – Ealasaid Turner
- Blàr nan Gàidheal – FC Sonas
- Seall agus Innis – Diùid MacDhòmhnaill
- Briseadh – Eilidh NicIain
An Sàr-dhuais Teicnigeach (18+)
- Keri NicIain – Peas Ealain
- Tormod MacLeòid – An Tiodhlaiceadh
- Allan Crook – A’ Gabhail Ris
- Mànus Greumach – Blàr nan Gàidheal
- Raonaid Urchadan – Còisir – Mgr M!
- Ross Young – A’ Sreap Corran Tuathail
An Duais Bhrosnachail (18+)
- Seòladh-Tillidh – Lucy Evans
- Gael ann an Glaschu – Fionnlagh Olley
- Campachadh – Luca Kerr
- Mise, Taibhse, agus Cànain Eile – Shauna NicAoidh
- Na Gàidheal Dubha – Coileat NicThòmais
- Ar Slighe – An Clas Camelon