Skip to content

FARPAIS 18+

Tha seachd roinnean aig Farpais 18+. 

Thèid an fheadhainn a tha ainmichte agus buannaichean airson gach roinn a thaghadh leis a’ phanal bhritheamhan neo-eisimeileach again, ach Duais Roghainn FilmG, a tha a thaghadh le bhòtadh.

Fosglaidh bhòtadh airson Duais Roghainn FilmG san Fhaoilleach 2024, ro chuirm dhuaisean FilmG sa Ghearran.

Ma tha ceist sam bith agad mu roinnean no airidheachd, tha sgioba FilmG toilichte do chuideachadh.

FilmG 16_Various-10

FILM AS FHEÀRR (18+)

Am film iomlan as fheàrr san Fharpais 18+.

Duais:

£1000

CLUICHE AS FHEÀRR (18+)

An neach as fheàrr air an sgrion ann am film a tha nas sine na 18.

Duais:

£500

AN DUAIS COIMHEARSNACHD (18+)

Am film as fheàrr a’ riochdachadh coimhearsnachd.

Tha am mìneachadh air ‘coimhearsnachd’ sùbailte agus chan eil e cuingealaichte ri filmichean aithriseach.

Duais:

£1000

COLTAS AS FHEÀRR (18+)

An dealbhadh riochdachaidh as fheàrr ann am film Farpais 18+.

Thèid aire a thoirt don fheadhainn a tha a’ riochdachadh cuspair na farpais ann an dòigh inntinneach, chruthachail.

Beachdaichidh britheamhan cuideachd air na h-oidhirpean claisneachd, lèirsinneach agus dealbhaidh san fharsaingeachd, a’ toirt duais do ghaisgeachd agus tùsachd.

Duais:

£1000

AN SÀR-DHUAIS TEICNIGEACH

An tabhartas teicnigeach fa leth as fheàrr ri film.

Faodaidh filmeadairean fianais a chuir a-steach airson beachdachadh orra còmhla ris an fhilm. Nì britheamhan measadh air cuspairean a’ gabhail a-steach, ach gun a bhith cuibhrichte gu, sgrìobhadh, guth-thairis, maise-gnùis, deise, dealbhadh, solais, stiùireadh, camara, deasachadh, riochdachadh claisneachd, sgòr agus beòthalachd.

Duais:

£1000

AN DUAIS BHROSNACHAIL (18+)

Am filmeadair, buidheann no beachd ùr as fheàrr.

Bithear a’ beachdachadh air beachdan ùra a tha ùr-ghnàthach agus brosnachail, luchd-inntrigidh airson a’ chiad uair, luchd-cleachdaidh ùr na Gàidhlig agus an fheadhainn a tha airson am molltair a bhriseadh.

Chan eil filmichean a chaidh ainmeachadh airson Film as Fheàrr ion-roghnach.

Duais:

£500

DUAIS ROGHAINN FILMG (18+)

Am film as fheàrr, mar a chaidh a bhòtadh, bhon Fharpais 18+.

Bidh bhòt poblach agus bhòt nam filmeadairean a’ dearbhadh cò a bhuannaicheas.

Duais:

£500

Banner_820x312-01