Skip to content

8 DÙBHLACHD CEANN-LATHA

Cruthaich film, nas giorra na còig mionaidean agus cuir a-steach e gu FilmG ro 8 Dùbhlachd 2023.

‘S e ‘Mo Shealladh‘ cuspair na bliadhna-sa. Chan eil ach aon roinn a’ cuimseachadh air seo, mar sin, cruthaich am film agad mu dheidhinn rud sam bith a tha thu fhèin ag iarraidh!

Chan fheum na filmichean a bhith mun Ghàidhlig. Feumaidh iad a bhith sa Ghàidhlig. Cruthaich film a tha thu fhèin airson fhaicinn.

‘S ann mu dheidhinn tàlant ùr a leasachadh dha na meadhanan Gàidhlig a tha FilmG. Tha kit againn, sgioba againn agus comhairle againn dhut mura h-eil fios agad càite an tòisich thu, no ma tha thu a’ strì le càil, tha sgioba FilmG an seo gus do chuideachadh.

FilmG graphic illustration
FilmG 16_Various-03

MU FILMG

’S e farpais bhliadhnail film-goirid a th’ ann am FilmG, a tha a’ lorg, ag àrach agus a’ leasachadh tàlant ùr airson nam meadhanan Gàidhlig.

Bhon thòisich e ann an 2008, tha FilmG an urra ri iomadach dreuchd shoirbheachail anns na meadhanan.

Le farpaisean ann airson aois -18 agus 18+, tha sgioba FilmG a’ tabhann bhùthan-obrach agus taic do fhilmichean aig gach ìre.

Bidh britheamhan neo-eisimeileach a’ dèanamh measadh air na filmichean, agus tèid na buannaichean ainmeachadh aig cuirm dhuaisean sa Ghearran.

‘S ann le MG ALBA a tha FilmG agus air a lìbhrigeadh le Astar.

NAIDHEACHDAN

Recent Posts

  • qT9UtPpM 1Farpais Mòd 23
    October 15, 2023
    Mar a chuireas sibh a-steach:  Thairis air seachdain a’ Mhòid (16 – 20 Dàmhair 2023), cuir suas dealbh de do shealladh air na meadhanan sòisealta agad (no air duilleag a dh’fhaodas tu a chleachdadh – sgoil/oilthigh/buidheann).

    LEUGH TUILLEADH

  • qT9UtPpM 1A bheil taic a dhìth ort le FilmG?
    August 28, 2023
    Tha na sgoiltean air ais, tha oileanaich ag ullachadh airson tilleadh, agus tha na saor-làithean seachad. Tha sin a’ ciallachadh gu bheil bùthan-obrach FilmG a’ tòiseachadh a-rithist.  Faodaidh duine sam bith a tha airson film a

    LEUGH TUILLEADH

  • FilmG 16 LaunchFilmG 16 a’ rannsachadh ‘Mo Shealladh’
    June 26, 2023
    Tha FilmG, farpais nam film goirid Gàidhlig, a’ tòiseachadh air an 16mh bliadhna aca agus tha iad ag amas air luchd-proifeiseanta a lorg airson meadhanan na h-Alba san àm ri teachd. Tha na farpaisean Fosgailte agus Òigridh a-nis

    LEUGH TUILLEADH

CONTACT