Bùthan-obrach FilmG a’ tachairt ann an sgoiltean air feadh Alba
Tha FilmG, farpais nam filmichean goirid Gàidhlig, a’ siubhal àrd-sgoiltean le bùthan-obrach practaigeach, air an stiùireadh le oide, a chuidicheas luchd-dèanamh fhilmichean òga gus beachdan a thionndadh gu filmichean ron cheann-latha inntrigidh air 28 Gearran 2026.
Chaidh dusan bùth-obrach a chrìochnachadh ron Nollaig, a’ gabhail a-steach a’ Ghàidhealtachd, Earra-Ghàidheal is Bòd, ceann a deas na dùthcha agus an Ear-thuath, le mòran a bharrachd clàraichte airson an Fhaoillich agus a’ Ghearrain, le sgoiltean anns na h-Eileanan Siar nam measg.
Tha pròiseact FilmG air a lìbhrigeadh le Astar Media às leth MG ALBA, le maoineachadh a bharrachd bho Bhòrd na Gàidhlig gus ruigsinneachd nam bùthan-obrach ann an àrd-sgoiltean a leudachadh agus rudeigin àrd-amasach a thoirt do sgoilearan sa Ghàidhlig.
Gun chuspair stèidhichte am-bliadhna a-rithist airson FilmG, tha saorsa air a bhith aig com-pàirtichean filmichean a dhèanamh mu chuspair sam bith a tha gam brosnachadh. Bidh na bùthan-obrach a’ toirt cothrom do sgoilearan ionnsachadh mu leasachadh sgeulachdan, filmeadh agus deasachadh, agus iad uile ag obair sa Ghàidhlig.
Thuirt Magaidh Nic an Tàilleir, Ceannard Foillseachaidh aig MG ALBA: “Bidh bùthan-obrach FilmG a’ fosgladh dhorsan do sgoilearan agus chì iad cruthachalachd a’ coinneachadh ri misneachd. Bidh daoine òga a’ feuchainn obair camara airson a’ chiad uair, a’ cruthachadh an sgeulachdan sa Ghàidhlig, agus ag ionnsachadh mu dhreuchdan nach robh fios aca a bha ann.”
Thuirt Sarah Urchadain, Manaidsear Pròiseict FilmG aig Astar Media: “Tha tidsearan ag innse dhuinn gu bheil an cruth ag obair gu math: cothrom practaigeach a tha a’ mìneachadh dìomhaireachd dèanamh fhilmichean agus a’ fàgail sgoilearan moiteil às na tha iad air a choileanadh.
“Bidh na h-oidean agus an sgioba againn a’ toirt taic do bhuidhnean agus clasaichean bhon toiseach gu deireadh; a’ gabhail a-steach comhairle le sgrìobhadh, a’ toirt seachad uidheamachd, taic le deasachadh agus cuideachadh le bhith a’ cur a-steach gu FilmG.”
Tha FilmG a’ cur fàilte air filmichean thar nan trì ìrean aoise den cho-fharpais, -12, -18 agus 18+, le roinnean air an dealbhadh airson filmichean a tha iomchaidh don aois agus a tha a’ comharrachadh cleasachd, cruthachalachd agus sgeulachdas.
Faodaidh tidsearan, buidhnean no filmeadairean fios a chur gu dìreach gu sgioba FilmG ma tha iad airson bùth-obrach àrd-sgoile a chur air dòigh no ma tha iad ag iarraidh taic shònraichte.
Bùthan-obrach air an lìbhrigeadh mu thràth:
- Acadamaidh Alanais (Comhairle na Gàidhealtachd)
- Àrd-sgoil Àird nam Murchan (Comhairle na Gàidhealtachd)
- Àrd-sgoil Gheàrrloch (Comhairle na Gàidhealtachd)
- Àrd-sgoil Loch Abair (Comhairle na Gàidhealtachd)
- Acadamaidh Allt a’ Mhuilinn (Comhairle na Gàidhealtachd)
- Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich (Comhairle na Gàidhealtachd)
- Àrd-sgoil Inbhir Theòrsa (Comhairle na Gàidhealtachd)
- Acadamaidh Hazlehead (Comhairle Baile Obar Dheathain)
- Àrd-sgoil an Òbain (Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid)
- Àrd-sgoil Greenfaulds (Comhairle Siorrachd Lannraig a Tuath)
- Acadamaidh Bhràghad Albainn (Comhairle Pheairt is Chinn Rois)
- Àrd-sgoil Uallais (Comhairle Shruighlea)
Tha barrachd bhùithtean-obrach gan cur air dòigh airson an Fhaoillich agus a’ Ghearrain.
