Skip to content

DLIGHE-SGRÌOBHAIDH

Tha dlighe-sgrìobhaidh a’ cur dìon air seilbh inntinn dhaoine agus a’ leigeil leis an t-sealbhadair smachd a chumail air na beachdan agus an stuth aige/aice fhèin. Feumaidh sinn a bhith faiceallach nach tèid còraichean a bhriseadh a-nise ’s gu bheil Cuirm Dhuaisean FilmG air a craoladh, tha gnothaichean ùra ri thoirt fa-near. Feuch gun leugh thu seo gu mionaideach mus cuir thu am film agad thugainn.

Na leig leis na riaghailtean do chur far a’ ghnothaich ge-tà, agus cuimhnich gum faod thu fònadh thugainn air 01471 888 505 no post-d a chur gu fios@filmg.co.uk ma tha ceistean sam bith agad.

DAOINE A THA A’ NOCHDADH SNA FILMICHEAN

Sa chiad dol a-mach, tha e riatanach gu bheil na cleasaichean agad no duine sam bith a tha a’ nochdadh san fhilm agad toilichte nochdadh air an làraich-lìn, air na meadhanan-sòisealta, agus air BBC Alba mas e ’s gun tèid am film ainmeachadh airson duais. Gheibh thu foirmichean cead aig bonn na duilleig.

CÈOL

Tha ceòl na phàirt fìor chudromach de gach film. Leis gu bheil na duaisean a-nise air an craoladh air BBC ALBA, tha e cudromach gu bheil e ceadaichte an ceòl a chleachdadh airson seo, agus chan ann a-mhàin air-loidhne. Ged a bhiodh tu a’ cleachdadh ceòl bho làrach-lìn, ceòl a chuir thu fhèin no caraid ri chèile, no ceòl traidiseanta, tha riaghailtean ann.

TASGLANN CIÙIL

Tha an t-uabhas de làraichean-lìn a’ tabhainn ceòl gun dlighe-sgrìobhaidh, ach CHAN EIL seo a’ ciallachadh gun gabh am BBC ris. Bu chòir dhut ceòl a thaghadh bho chruinneachadh an MCPS (MCPS Production Music Library). Tha na làraichean-lìn seo sgoinneil ged a dh’fhaodadh gum biodh cosgais ann airson a’ chiùil. 

DO CHEÒL FHÈIN

Ma tha thusa, no cuideigin as aithne dhut a tha air cead a thoirt dhutsa, air ceòl a sgrìobhadh airson an fhilm, faodaidh tu na thogras thu a dhèanamh leis. Tha e fhathast riatanach gum faigh sinn cead bhon neach-sgrìobhaidh a chleachdadh anns gach suidheachadh, nam measg craoladh a’ BhBC.

CEÒL TRAIDISEANTA NO BHO CHÒMHLAN A THA A’ CÒRDADH RIUT

Le fuinn no òrain traidiseanta, ma chaochail an sgrìobhadair bho chionn 70 bliadhna bu chòir gum biodh e ceart gu leòr a chleachdadh.

Tha daoine tric ag iarraidh fonn no òran bho chòmhlan a tha a’ còrdadh riutha a chleachdadh, agus tha cead aca bhon chòmhlan. Gu mì-fhortanach, dh’fhaodte gum bi cead a bharrachd a dhìth no dh’fhaodte nach gabh am BBC ris a’ cheòl. 

Ma tha thusa airson seo a dhèanamh, nach cuir thu fios thugainn – fios@filmg.co.uk le fios mun òran a tha thu airson cleachdadh (tiotal an òrain, neach, sgrìobhaidh, neach/luchd-ciùil) agus seallaidh sinn feuch am faigh sinn cead gus a chleachdadh.

DEALBHAN, SUAICHEANTASAN, AGUS CLÀRAIDHEAN TASGLAINN

Chan ann a-mhàin ri ceòl a tha riaghailtean dlighe-sgrìobhaidh a’ beantainn. Ma tha dealbhan a bhuineas do chuideigin eile sa film agad, feumaidh tu cead fhaighinn. Tha seo fìor airson bhideothan is clàraidhean bho thasglann agus airson suaicheantasan cuideachd.

Mar eisimpleir, cha bu chòir dhut a bhith “a’ sanasachd” chompanaidhean sam bith os cionn chàich. Tha seo a’ ciallachadh nach bu chòir “brand names” no suaicheantas a bhith air an sgrion airson ùine mhòr, is nach bu chòir iomraidhean a thoirt orra ann an cainnt, mura h-eil deagh adhbhar agad air a shon.

ss-6-1
ss-6-2
ss-6-3
ss-6-4

CUIR-FIOS

FIOSRACHADH COITCHEANN

fios@filmg.co.uk

Manaidsear nam pròiseactan – debbie@cgs-skye.com
+44 (0) 1471 888500

FILMG, Cànan Graphics Studio, Sabhal Mòr Ostaig, Sleat, Isle of Skye
Scotland, IV44 8RQ