NAIDHEACHDAN
28/08/23
Tha na sgoiltean air ais, tha oileanaich ag ullachadh airson tilleadh, agus tha na saor-làithean seachad. Tha sin a’ ciallachadh gu bheil bùthan-obrach FilmG a’ tòiseachadh a-rithist.
20/02/23
Chomharraich FilmG, farpais nam filmichean goirid, an 15mh bliadhna aca le cuirm sgoinneil an t-seachdain a chaidh air Diardaoin 16 Gearran.
13/02/23
Bidh cuirm dhuaisean airson farpais chliùiteach na h-Alba, FilmG, a’ gabhail àite aig an Old Fruitmarket ann an Glaschu Diardaoin 16 Gearran, agus an tachartas beò air ais airson a’ chiad turas bho thràth ann an 2020.
18/01/23
Tha daoine air bhioran leis gu bheil farpais filmichean goirid Gàidhlig FilmG air na gèarr-liostaichean fhoillseachadh.
26/12/22
Le 106 film a-staigh, ’s e FilmG 15 a’ bhliadhna as soirbheachail a th’ aig an fharpais bho thòisich e ann an 2008
17/11/22
Le gun ach mìos ri dhol mus bi farpais FilmG na bliadhna-sa a’ dùnadh gu inntrigidhean, tha taghadh tàlantach bho air feadh saoghal nam meadhanan ann an Alba air a bhith a’ lìbhrigeadh bhùithtean-obrach anns gach ceàrnaidh den dùthaich gus taic a thoirt do fhilmeadairean òga amaiseach leis na filmichean Gàidhlig aca fhèin
03/11/22
Chaidh buannaiche farpais meanbh-fhilmichean Gàidhlig ‘10 Diog Buidhe’ ainmeachadh mar phàirt de dh’fhèis film goirid FilmG.
21/09/22
Tha FilmG a’ toirt dhuibh an cothrom camara Insta360, a’ cosg còrr air £400, a bhuannachadh. Chan eil agaibh ach ri bhidio 10 diog de dh’fhaid a dhèanamh a’ cleachdadh cuspair FilmG na bliadhna, an dath buidhe, ann an dòigh chruthachail.
01/09/22
Chaidh 15mh bliadhna de FilmG, fèis fhilmichean goirid na Gàidhlig, a chuir air bhog, an-diugh le amasan airson rionnagan gnìomhachas nam meadhanan ann an Alba sam àm ri teachd a lorg.
26/08/22
Tha FilmG, am farpais film-goirid Gàidhlig, a’ comharrachadh 15 bliadhna le bhith a’ foillseachadh cuspair adhartach, ùr airson fèis na bliadhna.