Skip to content

FIOSRACHADH

Tha làrach-lìn ùr FilmG ri thighinn a dh’aithghearr, le siostam inntrigidh ùr agus dòigh ùr air na filmichean agaibh a chur thugainn. Tòisichidh sinn a’ gabhail ri inntrigidhean farpais FilmG 18 aon uair ’s gu bheil an làrach-lìn ùr beò.

Bidh FilmG 18 fosgailte do inntrigidhean gu deireadh a’ Ghearrain 2026. Cha ghabhar ri inntrigidhean a chuirear a-steach às dèidh 11.59f air 28 Gearran 2026 mura h-eil suidheachaidhean sònraichte ann, agus feumar aontachadh riutha sin ro-làimh le sgioba FilmG.

Ma tha ceistean sam bith agaibh san eadar-ama, cuiribh fios thugainn.

BUNAITEAN INNTRIGIDH

Feumaidh tagraidhean a bhith sa Ghàidhlig.
Chan fhaod tagraidhean a bhith nas fhaide na 5 mionaidean a dh’fhaid.
Chan eil feum air tagraidhean cuspair sònraichte a leantainn agus tha sinn a’ cur fàilte air filmichean de sheòrsa sam bith.

CÒ AS URRAINN CUR A-STEACH?

Tha trì ìrean farpais ann airson FilmG 18:

Farpais -12 (Aois Bun-sgoile): Feumaidh com-pàirtichean a bhith clàraichte ann am bun-sgoil (P1–P7) aig àm a’ cheann-latha airson tagraidhean. Canar “fo aois 12” ris an ìre seo, agus ged a dh’fhaodadh cuid de sgoilearan bun-sgoile a bhith nas sine na 11, bithidh iadsan fhathast san fharpais seo.
Farpais -18: Feumaidh com-pàirtichean a bhith eadar 12 agus 17 bliadhna a dh’aois aig àm a’ cheann-latha airson tagraidhean. Chan fhaod sgoilearan bun-sgoile a bhith san fharpais seo.
Farpais 18+: Fosgailte do dhuine sam bith aois 18 no nas sine aig àm a’ cheann-latha airson tagraidhean.

MAR A CHUIREAS SIBH A-STEACH

Leigidh siostam inntrigidh air-loidhne FilmG (ri thighinn a dh’aithghearr) le luchd-inntrigidh na filmichean aca a chur thugainn gu dìreach, còmhla ris an fiosrachadh inntrigidh agus an cead a tha a dhìth.

TAIC

Cuir fios chun sgioba aig filmg@astarmedia.scot ma tha feum agaibh air taic. ’S dòcha gum bi sgioba FilmG comasach air taic shònraichte a thoirt seachad a rèir an t-suidheachaidh agaibh, a’ gabhail a-steach rudan leithid:

  • Ceangal gu leabharlann ciùil FilmG
  • Ceangal gu bathar-bog deasachaidh
  • Iasad uidheamachd
  • Comhairle a thaobh beachdan / sgriobt / cleasaichean / criutha

SONRACHAIDHEAN TEICNIGEACH

  • Feumar filmichean a chur a-steach ann an cruth HD (1080p).
  • Cruthan faidhle a thathar a’ moladh: .mp4 no .mov, codec H.264 nas fheàrr.
  • ’S e 25 frèam san diog an ìre frèam as fheàrr, ach feumaidh an ìre frèam bhidio a bhith co-dhiù 12 frèam san diog. Bu chòir an ìre bit bhidio a bhith os cionn 260 Kbps.
  • Feumar filmichean a thoirt seachad às aonais fo-thiotalan loisgte (ach, tha sinn a’ cur fàilte air faidhlichean fo-thiotal .srt ma tha sin ri fhaotainn)
  • Faodar iarraidh air filmichean a bhuannaicheas a bhith ann an cruth a tha freagarrach airson craoladh no cleachdadh air BBC iPlayer.

RIATANASAN INNTRIGIDH

  • Feumaidh filmichean a bhith nan cruthachadh tùsail
  • Faodaidh com-pàirtichean barrachd air aon fhilm a chur a-steach, ach feumaidh iad inntrigeadh air leth a chur a-steach airson gach fear.
  • Faodaidh daoine fa leth pàirt a ghabhail ann am barrachd air aon fhilm, ach feumaidh foirmean cead air leth a bhith ann airson com-pàirteachadh air an sgrion.
  • Tha FilmG a’ gabhail ri inbhean teann a’ BhBC a rèir còraichean. Mar sin, feumaidh a h-uile pìos ciùil, ìomhaigh agus film a thathar a’ cleachdadh a bhith air a cheadachadh gu h-iomchaidh airson an cleachdadh. Chan fhaodar susbaint a tha ri fhaighinn gu malairteach, gun chead no gun rìoghalachd a chleachdadh. Chan urrainnear gealltainn gu bheil ceòl a tha air a thoirt a-mach gu h-ionadail ceadaichte. Mus cleachd thu stuth treas-phàrtaidh sam bith, cuir fios chun sgioba aig FilmG gus sin a dhearbhadh.
  • Chan fhaod rud sam bith oilbheumach no càil a tha briseadh stiùiridhean dìon a bhith sna filmichean. Tha tuilleadh fiosrachaidh a thaobh an liosta iomlan de riaghailtean ri fhaighinn gu h-ìosal.
  • Tha còir aig FilmG film sam bith a bhriseas na riaghailtean seo no anns a bheil susbaint neo-iomchaidh no gun chead a dhì-cheadachadh bhon fharpais.

BREITHNEACHADH

Thèid pannal breithneachaidh sònraichte a shònrachadh do gach aon de na trì ìrean farpais (-12, -18, 18+).

Nì britheamhan measadh air filmichean stèidhichte air rudan leithid tùsachd, sgeulachdas, airidheachd theicnigeach agus cleachdadh na Gàidhlig.

CEADAN

Feumaidh a h-uile com-pàirtiche a tha nochdadh air sgrìn foirm ceadachaidh a lìonadh, agus feumaidh cead phàrantan/luchd-gleidhidh a bhith aig an fheadhainn fo aois 18 agus inbhich so-leònte. 

Tha lethbhric chlò-bhuailte airson sgoiltean rim faighinn le bhith a’ cur fios gu sgioba FilmG.

DLIGHE-SGRÌOBHAIDH & CLEACHDADH

Le bhith a’ cur a-steach film, tha thu a’ toirt còir neo-eisimeileach do MG ALBA agus Astar Media am film agad a chleachdadh a thaobh adhartachadh FilmG. Tha am film fhathast nad shealbh fhèin.

Faodaidh MG ALBA am film agad a cho-roinn air àrd-ùrlaran sòisealta, làraich-lìn, BBC ALBA no aig taisbeanaidhean iomchaidh.

RIAGHAILTEAN FILMG

  1. Feumar filmichean a chur a-steach ro dheireadh 28 Gearran 2026. Cha ghabhar ri filmichean a thèid a chur a-steach às dèidh a’ cheann-latha seo mura h-eil suidheachaidhean sònraichte ann, agus feumar aontachadh orra sin ro-làimh le sgioba FilmG.
  2. Le bhith a’ cur film a-steach don fharpais, tha farpaisich ag aontachadh ris na riaghailtean is an stiùireadh. Tha Astar Media/MG ALBA a’ meas gu bheilear a’ gabhail riutha seo ma thèid film a chur thugainn.
  3. Feumaidh gach film a bhith air a mheasadh U/PG a rèir stiùireadh BBFC. Tha Astar Media/MG ALBA a’ gleidheadh na còire tagraidhean film a dhiùltadh ma thathar a’ meas gu bheil iad oilbheumach, cliù-mhillteach, truaillte no drabasta a thaobh susbaint no cainnt. https://www.bbfc.co.uk/rating/pg
  4. Feumaidh filmichean na farpaise a bhith anns a’ Ghàidhlig. Chan eil e mar chùmhnant na farpaise gun tèid Gàidhlig a chleachdadh san riochdachadh air fad, ach feumaidh am film crìochnaichte a bhith ann an Gàidhlig. Gabhar ri susbaint sa Bheurla no ann an cànan eile ma mheasas na britheamhan gu bheil sin iomchaidh is riatanach. Faodar saoradh sònraichte a thoirt do thagraidhean Gàidhlig Mhanainn, fhad ’s a tha fo-thiotalan Gàidhlig na h-Alba ann.
  5. Chan fhaod filmichean a chuirear a-steach gu FilmG a bhith nas fhaide na 5 mionaidean. Faodaidh creideasan nochdadh às dèidh na h-ùine seo, ach dìreach mura h-eil iad nam pàirt den sgeulachd. Tha cùl-raon dubh ceart gu leòr, mar eisimpleir. Bidh susbaint aithriseach taobh a-staigh no às dèidh nan creideasan a’ cunntadh a dh’ionnsaigh nan 5 mionaidean.
  6. Tha co-dhùnaidhean nam britheamhan deireannach. Chan fhaodar conaltradh no deasbad a dhèanamh a thaobh co-dhùnadh sam bith.
  7. Tha Farpais 18+ fosgailte do dhuine sam bith nas sine na aois 18 air 28 Gearran 2026, agus tha Farpais FilmG -18 fosgailte do dhaoine a tha fo aois 18 air a’ cheann-latha seo. Chan eil Farpais -12 ach do chloinn aois bun-sgoile.
  8. Thèid filmichean le measgachadh de bhuidhnean aoise a mheasadh a rèir gach film fa leth, a’ toirt aire do aois an neach-dèanamh fhilmichean agus aoisean an sgioba gu h-iomlain. Bu chòir do fhilmichean a chuireas buidhnean den t-seòrsa seo a-steach beachdachadh air dè an co-fharpais as fheàrr a fhreagras air a’ bhuidheann aca.
  9. Dh’fhaodadh gun tèid inbhich a tha nochdadh ann am filmichean bhon Fharpais -18 no -12 agus clann bhon Fharpais 18+ a mheasadh airson an roinn iomchaidh airson Cluiche as Fheàrr. Dh’fhaodadh gun tèid filmichean eile am measadh airson farpais eile san aon dhòigh ma tha e iomchaidh do Astar Media/MG ALBA.
  10. Tha farpaisich a’ soidhnigeadh foirmichean agus a’ toirt cead do Astar Media/MG ALBA, no sgiobaidhean riochdachaidh co-cheangailte, am filmeadh, an clàradh agus agallamh a dhèanamh leotha air adhbharan sanasachd is PR na farpaise
  11. Tha farpaisich a’ toirt cead do MG ALBA làn fheum craolaidh, na meadhanan sòisealta, na meadhanan fiosaigeach agus lìn a dhèanamh de dh’obair a th’ air a chur don cho-fharpais, air stèidh neo-thoirmeasgach mura tèid rudeigin eile aontachadh leis an fharpaiseach.
  12. Chan fhaodar aonta a dhèanamh ri duine eile air dòigh sam bith a tha na bhacadh do na còraichean a bheirear do MG ALBA
  13. Tha Astar Media/MG ALBA a’ gleidheadh na còire film sam bith a dhiùltadh don fharpais air adhbhar sam bith mar a chithear iomchaidh.
  14. Chan eil am fiosrachadh a thaobh nan duais agus a’ phròiseis taghaidh ann an litreachas na farpaise, no ann am meadhan foillseachaidh sam bith eile, ceangaltach agus gabhar atharrachadh le Astar Media/MG ALBA. Ma dh’fhaodte gun cruthaich sinn duaisean a bharrachd ach cha bhi e mar fhiachaibh oirnn sin a dhèanamh ma mheasar sin mì-iomchaidh.
  15. Faodaidh luchd-obrach MG ALBA/Astar Media film a chur a-steach don cho-fharpais airson lèirmheas nam britheamh. Thèid a shealltainn air-loidhne, ach chan eil e ceadaichte dhaibh duais sam bith fhaighinn.
  16. Chan fhaod oidichean/luchd-obrach neo-cheangailte ri FilmG a bhith nan farpaisich ann an roinn sam bith le film leis an robh iad an sàs.
  17. Tha Astar Media/MG ALBA a’ gleidheadh na còire tagradh don fharpais a dhiùltadh mura lean e ris an t-sònrachadh theicnigeach air làrach-lìn FilmG.
  18. Tha e an urra ri farpaisich cead iomchaidh fhaighinn bho gach neach a tha gabhail pàirt san fhilm.
  19. Diùltaidh Astar Media/MG ALBA inntrigidhean a bhriseas còraichean seilbhe inntinn chàich, a’ gabhail a-steach teacsa, ceòl, ìomhaighean no prògraman, rùintean malairt no fiosrachadh dìomhair eile fo dhlighe-sgrìobhaidh gun chead.

RIAGHAILTEAN

  1. Feumar gach film fhaighinn ron cheann-là dheireannach, 9 Dùbhlachd 2024. Cha ghabhar ri film sam bith às dèidh a’ chinn-là seo.
  2. Le bhith a’ cur film a-steach don fharpais, tha farpaisich ag aontachadh ris na riaghailtean is an stiùireadh. Tha Astar Media/MG ALBA a’ meas gu bheilear a’ gabhail riutha seo ma thèid film a chur thugainn.
  3. Feumaidh gach film a bhith air a mheasadh U/PG a rèir stiùireadh BBFC. Tha Astar Media/MG ALBA a’ gleidheadh na còire tagraidhean film a dhiùltadh ma thathar a’ meas gu bheil iad oilbheumach, cliù-mhillteach, truaillte no drabasta a thaobh susbaint no cainnt.
  4. Feumaidh filmichean na farpaise a bhith anns a’ Ghàidhlig. Chan eil e mar chùmhnant na farpaise gun tèid Gàidhlig a chleachdadh san riochdachadh air fad, ach feumaidh am film crìochnaichte a bhith ann an Gàidhlig. Gabhar ri susbaint sa Bheurla no ann an cànan eile ma mheasas na britheamhan gu bheil sin iomchaidh is riatanach
  5. Feumaidh filmichean a thèid a chur a-steach dhan fharpais a bhith nas giorra na 5 mionaid. Cha ghabhar ri film nas fhaide na an ùine ruithe a thathar a’ sònrachadh.
  6. Tha co-dhùnaidhean nam britheamhan deireannach. Cha ghabhar ri conaltradh no còmhradh a’ buntainn ris na co-dhùnaidhean.
  7. Tha Farpais FilmG 18+ ceadaichte do dhuine sam bith nas sine na 18 bliadhna a dh’aois air 1 Fhaoilleach 2025 agus tha Farpais FilmG -18 ceadaichte do dhuine sam bith fo aois 18 air 1 Fhaoilleach 2025. Bithidh filmichean sgoile a-mhàin air am measadh airson Farpais -18 agus thèid filmichean le measgachadh de dhaoine nas sine na 18 agus nas òige a mheasadh fa leth, a’ gabhail a-steach aois am filmeadair agus breithneachadh air aoisean an sgioba air fad
  8. Dh’fhaodadh gun tèid inbhich a tha nochdadh ann am filmichean bhon Fharpais -18 agus clann bhon Fharpais 18+ a mheasadh airson an roinn iomchaidh airson Cluiche as Fheàrr. Dh’fhaodadh gun tèid filmichean eile am measadh airson farpais eile san aon dhòigh ma tha e iomchaidh do Astar Media/MG ALBA.
  9. Tha farpaisich a’ soidhnigeadh foirmichean agus a’ toirt cead do Astar Media/MG ALBA, no sgiobaidhean riochdachaidh co-cheangailte, am filmeadh, an clàradh agus agallamh a dhèanamh leotha air adhbharan sanasachd is PR na farpaise
  10. Tha farpaisich a’ toirt cead do MG ALBA làn fheum craolaidh, na meadhanan sòisealta, na meadhanan fiosaigeach agus lìn a dhèanamh de dh’obair a th’ air a chur don cho-fharpais, air stèidh neo-thoirmeasgach mura tèid rudeigin eile aontachadh leis an fharpaiseach.
  11. Chan fhaodar aonta a dhèanamh ri duine eile air dòigh sam bith a tha na bhacadh do na còraichean a bheirear do MG ALBA
  12. Tha Astar Media/MG ALBA a’ gleidheadh na còire film sam bith a dhiùltadh don fharpais air adhbhar sam bith mar a chithear iomchaidh.
  13. Chan eil am fiosrachadh a thaobh nan duais agus a’ phròiseis taghaidh ann an litreachas na farpaise, no ann am meadhan foillseachaidh sam bith eile, ceangaltach agus gabhar atharrachadh le Astar Media/MG ALBA. Ma dh’fhaodte gun cruthaich sinn duaisean a bharrachd ach cha bhi e mar fhiachaibh oirnn sin a dhèanamh ma mheasar mì-iomchaidh
  14. Faodaidh luchd-obrach MG ALBA/Astar Media film a chur a-steach don cho-fharpais airson lèirmheas nam britheamh. Thèid a shealltainn air-loidhne, ach chan eil e ceadaichte dhaibh duais sam bith fhaighinn.
  15. Chan fhaod oidichean/luchd-obrach neo-cheangailte ri FilmG a bhith nan farpaisich ann an roinn sam bith le film leis an robh iad an sàs.
  16. Tha Astar Media/MG ALBA a’ gleidheadh na còire tagradh don fharpais a dhiùltadh mura lean e ris an t-sònrachadh theicnigeach air làrach-lìn FilmG. Leugh an duilleag Sònrachadh Teicnigeach gu cùramach mun cuir thu a-steach.
  17. Tha e an urra ri farpaisich cead iomchaidh fhaighinn bho gach neach a tha gabhail pàirt san fhilm.
  18. Diùltar tagraidhean film a tha a’ bristeadh còraichean seilbh inntinn chàch, nam measg sin: teacsa, ceòl, dealbhan no prògraman, rùintean malairt no fiosrachadh dìomhair eile aig nach eil cead dlighe-sgrìobhaidh.