Na Roinnean

Na Roinnean

Film Dùthchais as Fheàrr

Duais: £1000

Tha sinn a’ lorg fhilmichean aithriseach a tha a’ toirt sealladh ùr dhuinn air a’ cheangal eadar daoine agus na sgìrean aca.

Tha an roinn seo fosgailte do bhuidhnean-stèidhichte or no co-ionadan cultaral/coimhearsnachd.

Duais Cruthachaidh

Duais: £1000

Tha an duais seo ag aithneachadh modhan-obrachadh cruthachail, treasa agus ùr-ghnàthasach.

Bithidh na britheamhan a’ coimhead airson filmichean le stoidhle, sgeulachd no gnè chruthachail no air a dhèanamh ann an dòigh a tha tùsail. Thèid moladh a’ dhèanamh air iadsan a chleachdas cuspair na bliadhna ann an dòigh iongantach.,/p>

Thèid measadh a dhèanamh air gach eileamaid, leithid: sgriobt, obair camara, gearradh, coltas, stiùireadh, cleasachd is eile.

Stiùiriche as Fheàrr

Duais: £1000

Thèid measadh a’ dhèanamh air an Stiùiriche as Fheàrr bidh sinn a’ coimhead air a h-uile càil a tha a’ tighinn fo smachd an stiùiriche, a’ gabhail a-steach cleasachd, no cho comhfhurtail ’s a tha agallamhan dhaoine, dealbhadaireachd, riochdachadh agus mar a tha a h-uile càil air fhighe còmhla.

Cha tèid Stiùirichean le teisteanas-craolaidh mar Riochdaire no Stiùiriche a mheasadh airson na duais seo ach dh’fhaodadh gun tèid am measadh airson  Duais a’ Ghnìomhachais.

Cluiche as Fheàrr (Fosgailte)

Duais: £500

Tha FilmG an-còmhnaidh a’ feuchainn ri tàlant ùr a’ lorg air beulaibh a’ chamara agus tha sinn airson cleasachd shònraichte a chomharrachadh.

Thèid an duais seo chun an neach as fheàrr a lìbhrigeas an cuid pàirt, ann am film de sheòrsa sam bith.

Feumaidh pàirt le Gàidhlig a bhith aig a’ chleasaiche.

Duais a’ Ghnìomhachais

Duais: £1000

Tha an duais seo ag aithneachadh sàr-oidhirp bho neach fa leth.

Thèid gach eileamaid a bhreithneachadh, a bharrachd air iadsan iomchaidh airson Cluich as Fheàrr agus Stiùiriche as Fheàrr seach gu bheil duais fa leth ann airson sin.

Cuiridh filmeadairean teisteanas air adhart airson breithneachadh leis na filmichean fhèin.

Gheibh britheamhan cuideachd ùghdarras daoine aithneachadh a-mhàin air sgàth càileachd an fhilm fhèin.

Bidh an roinn seo a measadh sgilean leithid: sgrìobhadh, guth-thairis, maise-gnùis, èideadh, dealbhachaidh, solasachadh, stiùireadh (bho daoine a tha ag obair sa ghnìomhachas), obair camara, gearraidh, obair-chlaisneach, ceòl, riochdachadh, am measg eile.

Duais Roghainn FilmG (Fosgailte)

Duais: £500

Tha Duais Roghainn FilmG (Fosgailte) ag aithneachadh am film as fèillmhor bhon Fharpais Fosgailte– mar a bhòt sibh fhèin.

Thèid bhòt a’ phoball a chumail ri taobh an bhòt aig gach filmeadair.

Bithidh 50/50 cuideam air an dà eileamaid.

Chan fhaod filmeadairean bhòtadh airson na filmichean aca fhèin.

Film as Fheàrr (Fosgailte)

Duais: £1000

Tha an duais seo airson an fhilm as fheàrr airson san Fharpais Òigridh.

Tha sinn a’ coimhead airson film de sheòrsa sam bith a tha air a chur ri chèile gu cruthachail, le sgeulachd ùr a bheir tlachd agus toileachas don luchd-coimhid.

Duaisean Eile

Duaisean Eile

Sgriobt as Fheàrr

Duais: £500

Tha an duais sgriobt as fheàrr ann airson cothrom agus taic a thoirt dha daoine gus sgriobt ficsean sa Ghàidhlig a sgrìobhadh.

Faodaidh sgriobtaichean a bhith a’ buntainn ri cuspair sam bith agus stèidhichte air film san fharpais no comasach film a dhèanamh stèidhichte orra san àm ri teachd.

Feumaidh an sgriobt a bhith na sgriobt Gàidhlig bho thùs.

Cha ghabh sinn ri sgriobt a chaidh eadar-theangachadh.

Fosgailte gu luchd-inntrigidh air fad.

Film Oileanach as Fheàrr

Duais: £500

Tha sinn a’ lorg fhilmichean a chaidh a dhèanamh le oileanach, no le buidheann de dh’oileanaich, agus a tha ùr-ghnàthach, so-chreidsinneach agus air an deagh riochdachadh.

Tha sgeulachd làidir, deagh lìbhrigeadh agus cleachdadh na Gàidhlig nam bunaitean, anns a h-uile seòrsa film.

Feumaidh luchd-tagraidh a bhith nan oileanaich clàraichte ann am bliadhna acadaimigeach 2022/23