Skip to content

<12

Le trì duaisean air leth math rim faighinn, faodaidh fiù ’s an fheadhainn bheaga a dhol an sàs ann am FilmG!

Ma tha thu nad phàrant no nad thidsear a tha a’ smaoineachadh mu bhith a’ cuideachadh an fhilmeadair òig agad gus film a dhèanamh iad fhèin ach nach eil fios agad càite an tòisich thu, nach cuir thu fios thugainn! Faodaidh an sgioba againn am fiosrachadh air fad a dh’fheumas tu mu bhith a’ dèanamh film bho thoiseach gu deireadh a thoirt dhut. Air neo, dh’fhaodadh tu sùil a thoirt air na clasaichean oideachaidh air an duilleig YouTube againn. Airson barrachd fiosrachaidh mu dheidhinn sin, sgrolaich sìos!

BUANNAICHEAN BHO BLIADHNAICHEAN EILE

Gu h-ìosal tha film neo dhà ann a chaidh a dhèanamh le buannaichean bho bliadhnaichean eile.

Seònaid-Shannon NicIlleathain

Brochan Lom-Hammy Sgìth

DUAISEAN A DH’FHAODADH TU BUANNACHADH!

Riochdachadh as Fheàrr

Tha e fìor mhath am film crìochnaichte agad fhaicinn aig a’ cheann thall ach uaireannan cha tèid aithne a thoirt dhan obair mhòr a rinneadh air falbh bhon sgrìn gus a thoirt gu buil. Cha tachair seo tuilleadh! Buannaichidh am film a tha a’ dèanamh an fheum as fheàrr de na goireasan a th’ aca agus iad a’ dèanamh an fhilm. Cumaidh sinn sùil gheur air leithid: solas, suidheachadh, maise-gnùis, èideadh, agus props.

Duais: £300 a dh’ionnsaigh uidheamachd no trèanadh.

Riatanasan:

  • Fosgailte do bhuidhnean àrd-sgoile, buidhnean òigridh agus filmeadairean bho aois 12-17.

  • Feumaidh filmichean a bhith air an stiùireadh le clann eadar aois 12-17; faodaidh inbhich a bhith a’ cuideachadh.


Film as Fheàrr

Tha an duais seo airson an fhilm as fheàrr airson clann fo aois 12. Tha sinn a’ coimhead airson film – de sheòrsa sam bith – a tha air a chur ri chèile gu cruthachail, le sgeulachd ùr a bheir tlachd agus toileachas don luchd-coimhid.

Duais: £500 a dh’ionnsaigh uidheamachd/trèanadh.

Riatanasan:

  • Fosgailte do bhun-sgoiltean, buidhnean òigridh agus filmeadairean neo-eisimeileach fo aois 12.

  • Feumaidh filmichean a bhith air an stiùireadh le clann; faodaidh inbhich a bhith a’ cuideachadh.


A BHEIL FEUM AGAD AIR BEACHDAN

Carson nach toir thu sùil air filmichean bho bhliadhnaichean roimhe air an t-seanail YouTube againn?

FIOSRACHADH FEUMAIL

Stiùireadh agus geàrr-chunntas air riaghailtean agus mar a chuireas film tu a-steach.

ss-1-1
ss-1-2
ss-1-3
ss-1-4

CUIR-FIOS

FIOSRACHADH COITCHEANN

fios@filmg.co.uk

Manaidsear nam pròiseactan – debbie@cgs-skye.com
+44 (0) 1471 888500

FILMG, Cànan Graphics Studio, Sabhal Mòr Ostaig, Sleat, Isle of Skye
Scotland, IV44 8RQ