FIOS TEICNIGEACH
’S i an dòigh as fheàrr d’ fhilm a chur a-steach a bhith ga luchdachadh suas air-loidhne, ged as urrainnear foirm-tagraidh a leigeil a-nuas cuideachd agus film a chur a-steach tron phost.
Seòrsachan faidhle: AVI, QuickTime, Windows Media agus MPEG.
Leudachaidhean faidhle: .avi, .mov, .wmv, .mpg, .mpeg, .mp4, .m4v Thoir fa-near nach gabh sinn faidhlichean Flash an-dràsta (leudachaidhean faidhle .fla no .flv).
Codec: Gabhaidh sinn na còdan bhideo (no codec-an) a leanas: H.264, H.263, MPEG 1 no 2 no 4 agus motion JPEG.
Ràta-frèama: Is còir do ràta frèama a’ bhideo a bhith os cionn 12 frèamaichean san diog.
Ràta-biot: Is còir do ràta biot a’ bhideo a bhith os cionn 260 Kbps.
Meud faidhle: Gabhaidh sinn faidhlichean suas ri 400Mb de mheud. Thoir fa-near gur dòcha gun toir e greis faidhle a luchdachadh suas don t-siostaim againn agus tha seo a rèir luathas a’ cheangail agad. Leigidh sinn fios gu bheil do bhideo againn aig deireadh a’ phròiseas suas-luchdachaidh seo.
Co-mheas deilbh: Feumaidh am film a bhith ann an co-mheas-deilbh 16:9.
Cudromach:Ma chuireas tu d’ fhilm tron phost, feuch gun loisg thu am bun-fhaidhle air clàr (CD no DVD) no sàbhail air bioran stòrais/draibh peann e. Na cruthaich DVD a ghabhas cluich tro inneal DVD oir, chan urrainn dhuinn gabhail ris.
Ma tha thu ag iarraidh cuideachadh no comhairle air còdan agus air luchdachadh suas bhideo do FilmG, cuir post-d gu fios@filmg.co.uk. Seo agaibh ceangal feumail airson barrachd fiosrachaidh air dèanamh do chuid faidhlichean nas lugha.



