RIAGHAILTEAN
1. Feumar gach film fhaighinn ron cheann-là dheireannach, 13 Dùbhlachd 2022. Cha ghabhar ri film sam bith às dèidh a’ chinn-là seo.
2. Le bhith a’ cur film a-steach don fharpais, tha farpaisich ag aontachadh ris na riaghailtean is an stiùireadh. Tha Cànan/MG ALBA a’ meas gu bheilear a’ gabhail riutha seo ma thèid film a chur thugainn.
3. Feumaidh gach film a bhith air a mheasadh U/PG a rèir stiùiridh BBFC. Tha Cànan/MG ALBA a’ gleidheadh na còire tagraidhean film a dhiùltadh ma thathar a’ meas gu bheil iad oilbheumach, cliù-mhillteach, truaillte no drabasta a thaobh susbaint no cainnt.
4. Feumaidh filmichean na farpaise a bhith anns a’ Ghàidhlig. Chan eil e mar chùmhnant na farpaise gun tèid Gàidhlig a chleachdadh san riochdachadh air fad, ach feumaidh am film crìochnaichte a bhith ann an Gàidhlig. Gabhar ri susbaint sa Bheurla no ann an cànan eile ma mheasas na britheamhan gu bheil sin iomchaidh is riatanach.
5. Feumaidh filmichean san Raon Fhosgailte a bhith eadar 0 is 5 mionaidean a dh’fhaid. Feumaidh filmichean na h-Òigridh a bhith eadar 0 is 5 mionaidean a dh’fhaid. Cha ghabhar ri film nas fhaide no nas giorra na an ùine ruithe a thathar a’ sònrachadh.
6. Tha co-dhùnaidhean nam britheamhan deireannach. Cha ghabhar ri chonaltradh no còmhradh a’ buntainn ris na co-dhùnaidhean.
7. Tha FilmG Fosgailte fosgailte do dhuine sam bith nas sine na 18 bliadhna a dh’aois agus tha FilmG na h-Òigridh fosgailte do sgoilearan sam bith san àrd-sgoil no sa bhun-sgoil.
8. Tha farpaisich a’ toirt cead do Chànan/MG ALBA am filmeadh, an clàradh agus agallamh a dhèanamh leotha air adhbharan sanasachd is PR na farpaise agus tha iad ag aontachadh foirmean cead FilmG a shoidhnigeadh.
9. Tha farpaisich a’ toirt cead do MG ALBA làn fheum craolaidh, DVD agus lìn a dhèanamh de dh’obair a th’ air a chur don cho-fharpais, air stèidh neo-thoirmeasgach mura tèid rudeigin eile aontachadh leis an fharpaiseach.
10. Chan fhaodar aonta a dhèanamh ri duine eile air dòigh sam bith a tha na bhacadh do na còraichean a bheirear do MG ALBA.
11. Tha Cànan/MG ALBA a’ gleidheadh na còire film sam bith a dhiùltadh don fharpais air adhbhar sam bith mar a chithear iomchaidh iad.
12. Chan eil am fiosrachadh a thaobh nan duais agus a’ phròiseis taghaidh ann an litreachas na farpaise, no ann am meadhan foillseachaidh sam bith eile, ceangaltach agus gabhar atharrachadh le Cànan/MG ALBA. Ma dh’fhaodte gun cruthaich sinn duaisean a bharrachd ach cha bhi e mar fhiachaibh oirnn sin a dhèanamh ma mheasar mì-iomchaidh e.
13. Faodaidh luchd-obrach MG ALBA/Chànan film a chur a-steach don cho-fharpais airson lèirmheas nam britheamh. Thèid a shealltainn air-loidhne, ach chan eil e ceadaichte dhaibh duais sam bith fhaighinn.
14. Tha Cànan/MG ALBA a’ gleidheadh na còire tagradh don fharpais a dhiùltadh mura lean e ris an t-sònrachadh theicnigeach air làrach-lìn FilmG. Leugh an duilleag Sònrachadh Teicnigeach gu cùramach mun cuir thu a-steach.
15. Tha e an urra ri farpaisich cead iomchaidh fhaighinn bho gach neach a tha gabhail pàirt san fhilm.
16. Diùltar tagraidhean film a tha a’ bristeadh còraichean seilbh inntinn chàch, nam measg sin: teacsa, ceòl, dealbhan no prògraman, rùintean malairt no fiosrachadh dìomhair eile aig nach eil cead dlighe-sgrìobhaidh.



