GNÌOMHACHAS
Chan ann do luchd-tòiseachaidh a-mhàin a tha FilmG agus tha sinn pròiseil gun urrainn dhuinn an cothrom a thabhann dha daoine a tha ag obair sna meadhanan mu thràth gus filmichean Gàidhlig a chruthachadh aig àrd ìre.
Dh’fhaodar Film as Fheàrr (Ghnìomhachas) – duais luach £1,000 a bhuannachadh!
’S urrainn dhuibhse a tha ag obair anns a’ ghnìomhachais mu thràth cuir a-steach airson na duais seo cho fhad ’s a tha creideas cruthachail agaibh air prògram m.e. mar Stiùiriche, Riochdaire msaa. Ma tha creideas eil agaibh (mar “runner” neo co-ordanaiche prògraim) ’s ann dhan raon fhosgailte a bu choir dhuibh d’ fhilmichean a chur.
Mas e ’s nach eil Gàidhlig agad ach gu bheil deagh bheachd agad, cuir fios thugainn agus ’s urrainn dhuinn taic a chur air dòigh gus an urrainn dhut do bheachd a leasachadh.
BUANNAICHEAN BHO BLIADHNAICHEAN EILE
Gu h-ìosal tha film neo dhà ann a chaidh a dhèanamh le buannaichean bho bliadhnaichean eile.
Seònaid-Shannon NicIlleathain
Brochan Lom-Hammy Sgìth
DUAISEAN A DH’FHAODADH TU BUANNACHADH!
Film as Fheàrr bho Stiùiriche sa Ghnìomhachas
Tha fios againn gu bheil tàlant cruthachail ri lorg ann am pailteas sa ghnìomhachas, ach nach eil cothrom an-còmhnaidh aig daoine a tha trang ag obair air prògraman TBh is rèidio na sgilean aca fhèin a leasachadh.
Tha an duais seo againn gus cothrom a thoirt do dhaoine na beachdan agus sgilean aca a thaisbeanadh, le taic meantoraidh far a bheil e freagarrach.
Fhad ’s a tha sinn a’ taghadh a’ bhuannaiche, bidh sinn a’ coimhead air a h-uile càil a tha a’ tighinn fo smachd an Stiùiriche – cleasachd, no cho comhfhurtail ’s a tha agallamhan dhaoine, dealbhadaireachd, riochdachadh, agus mar a tha a h-uile càil air fhighe còmhla.
Duais: £1000 a dh’ionnsaigh uidheamachd, trèanadh no leasachadh a bharrachd.
Riatanasan:
- Feumaidh an stiùiriche a bhith air obrachadh air prògraman film no TBh (ann an ròl ainmichte sam bith).



