Skip to content

NEACH NEO-EISIMILEACH

Bith film an-còmhnaidh a’ tòiseachadh le beachd. Neo ’s docha gu bheil thu a’ smaoineachadh gur ann mar sin a tha e. Ach feumaidh cuideigin a bhith ann airson smaoineachadh air a’ beachd sin. Agus dh’fhaodadh gur tusa a bhios ann!

Mas e ’s nach eil thu cho deònach a bhith ag obair mar sgioba agus gum b’fheàrr leat a bhith ag obair air do cheann fhèin, tha thu anns an àite cheart! Uaireannan ’s e dùbhlan mòr a th’ ann a bhith a’ dèanamh pròiseact mar chlàradh film leat fhèin. Ach uaireigin ’s iad a bha gaisgeil gu leòr dol a-mach agus film air leth a chruachadh a tha a-nis air soirbheas a lorg anns an dreuchd aca. Dh’fhaodadh tusa rudeigin mar sin a dhèanamh…

Le duaisean le luach suas ri £1,000 airson buannachadh, dh’fhaodadh tusa duais FilmG a thogail am-bliadhna!

BUANNAICHEAN BHO BLIADHNAICHEAN EILE

Gu h-ìosal tha film neo dhà ann a chaidh a dhèanamh le buannaichean bho bliadhnaichean eile.

Bho Clach Gu Clach-Danielle MacLeod

Cuairt Tro Cheòl-Eilidh Gillies

DUAISEAN A DH’FHAODADH TU BUANNACHADH!

Film as Fheàrr

Tha sinn a’ sireadh fhilmichean de ghnè sam bith a tha ùr-ghnàthach, tarraingeach agus a bheir tlachd don luchd-amhairc. Tha sgeulachd làidir aig cnag na cùise, is bidh sinn a’ coimhead air sin agus mar a tha am film air fad a’ tighinn ri chèile agus a’ còrdadh ris an luchd-amhairc.

Duais: £1,000 a dh’ionnsaigh uidheamachd no trèanadh:

Riatanasan:

  • Fosgailte do dh’fhilmeadairean a tha ag obair air an cinn fhèin.
  • Fosgailte do bhuidhnean coimhearsnachd agus oileanaich.

  • Fosgailte don a h-uile duine eile cho fad ’s NACH DEACH an ainmeachadh mar riochdaire no stiùiriche ann am prògram a chaidh a chraoladh.

Film Dùthchais as Fheàrr

Dè a th’ann an dùthchas? Dualchas, cultar, an tìr, nàdar, fiadh-bheatha, an àrainneachd…. Tha an ceangal eadar an cànan ’s an àrainneachd tric cho soilleir ri fhaicinn sna h-ainmean-àite againn, ann an ainmean bheathaichean, eòin is flùraichean.

Tha croitearan is iasgairean ann a tha ro-eòlach air na h-àiteachan dham buin iad, agus a tha a’ glèidheadh an cuid dualchais. Tha sinn a’ lorg fhilmichean aithriseach a tha a’ toirt sealladh ùr dhuinn air a’ cheangal eadar daoine agus na sgìrean aca.

Duais: £1000 a dh’ionnsaigh uidheamachd no trèanadh.

Riatanasan:

  • Fosgailte do bhuidhnean coimhearsnachd agus oileanaich.

  • Fosgailte cuideachd do filmeadairean a tha ag obair air an cinn fhèin cho fad ’s NACH DEACH an ainmeachadh mar riochdaire no stiùiriche ann am prògram a chaidh a chraoladh.

Cluiche as Fheàrr

Tha sinn an-còmhnaidh a’ feuchainn ri tàlant ùr a’ lorg air beulaibh a’ chamara agus tha sinn airson cleasachd shònraichte a chomharrachadh. Thèid an duais seo chun an neach as fheàrr a lìbhrigeas an cuid pàirt, ann am film de sheòrsa sam bith.

Duais: £200 a dh’ionnsaigh uidheamachd no trèanadh.

Riatanasan:

  • Fosgailte do na cleasaichean is an luchd-lìbhrigidh air fad, ach thèid prìomhachas dhaibhsan nach robh an sàs ann an cleasachd proifeiseanta roimhe.
  • Feumaidh pàirt le Gàidhlig a bhith aig a’ chleasaiche.

Meanbh Film as Fheàrr (Fosgailte)

(Buannaiche air fhoillseachadh air na meadhanan sòisealta) Tha FilmG a’ lorg an ath ghinealach de dhaoine òga tàlantach.
Tha sinn airson am film goirid as fheàrr fo 60 diogan fhaicinn. ’S dòcha gu bheil e freagarrach airson TikTok, Instagram Reels no YouTube. Tha sinn airson na h-oidhirpean agad fhaicinn.

Duais: £250.

Riatanasan:

    • Fosgailte do luchd- inntrigidh aois 18+.
    • Feumaidh na filmichean a bhith fo mhionaid a dh’fhaid.


Chan fhaod thu susbaint 3s pàrtaidh le dlighe-sgrìobhaidh a chleachdadh
(no còir-lethbhreac).

Filmeadair Ùr as Fheàrr

’S dòcha nach do rinn thu film roimhe – seo a-nis an cothrom! Thèid an duais seo gu filmeadair a tha a’ sealltainn comas mar fhilmeadair ùr san fharpais.

Duais: £500 a dh’ionnsaigh uidheamachd no trèanadh.

Riatanasan:

  • Bu chòir gur e seo a’ chiad turas aig luchd-inntrigidh feuchainn air an fharpais mar stiùiriche/filmeadair (tha e ceart gu leòr ma bha thu an sàs ann an dòighean eile (cleasachd/air sgioba).
  • Bu chòir cuideachd gur e seo a’ chiad turas aig luchd-inntrigidh feuchainn air an fharpais (mar inbheach).
  • Chan eil oileanaich air cùrsa meadhanan no film ceadaichte airson na duais seo.

Sgriobt as Fheàrr

Tha an duais sgriobt as fheàrr ann airson cothrom agus taic a thoirt dha daoine gus sgriobt ficsean sa Ghàidhlig a sgrìobhadh.

Faodaidh sgriobtaichean a bhith a’ buntainn ri cuspair sam bith, agus bu chòir ’s gum biodh e comasach film a dhèanamh stèidhichte orra.

Duais: £300 a dh’ ionnsaigh uidheamachd no trèanadh.

Riatanasan:

  • Feumaidh an sgriobt a bhith na sgriobt Gàidhlig bho thùs.

  • Cha ghabh sinn ri sgriobt a chaidh eadar-theangachadh.
  • Fosgailte gu luchd-inntrigidh air fad aois 18+.

Duais Roghainn an t-Sluaigh (Fosgailte)

Tha fèill mhòr air Duais Roghainn an t-Sluaigh agus ’s iad an fheadhainn a gheibh an àireamh as àirde de bhòtaichean a ghlèidheas an duais, is mar sin, tha bhòtadh ro-chudromach!

Duais: £100.

Riatanasan:

  • Tha cothrom aig GACH FILM FOSGAILTE sa cho-fharpais air an duais seo.

Stiùiriche as Fheàrr

“Thòisich gach beachd math mar dhroch bheachd, ’s e sin an t-adhbhar ’s gu bheil e a’ toirt cho fada tighinn gu bith.” – Steven Spielberg

’S iad na Stiùirichean a bhios a’ dèanamh gu leòr dhe na co-dhùnaidhean. Tha sinn airson stiùireadh is co-dhùnaidhean dàna a chomharrachadh. Tha sin airson cruthachalachd agus comas a chomharrachadh.

Fhad ’s a tha sinn a’ taghadh a’ bhuannaiche, bidh sinn a’ coimhead air a h-uile càil a tha a’ tighinn fo smachd an stiùiriche – cleasachd, no cho comhfhurtail ’s a tha agallamhan dhaoine, dealbhadaireachd, riochdachadh, agus mar a tha a h-uile càil air fhighe còmhla.

Duais: £1000 a dh’ionnsaigh uidheamachd no trèanadh.

Riatanasan:

  • Fosgailte do luchd-inntrigidh san roinn fhosgailte.
  • Cha tèid Stiùirichean le teisteanas-craolaidh mar Riochdaire no Stiùiriche a mheasadh airson na duais seo.

A BHEIL FEUM AGAD AIR BEACHDAN

Carson nach toir thu sùil air filmichean bho bhliadhnaichean roimhe air an t-seanail YouTube againn?

FIOSRACHADH FEUMAIL

Stiùireadh agus geàrr-chunntas air riaghailtean agus mar a chuireas film tu a-steach.

ss-12-1
ss-12-2
ss-12-3
ss-12-4

CUIR-FIOS

FIOSRACHADH COITCHEANN

fios@filmg.co.uk

Manaidsear Pròiseict – Murchadh MacSween
murdo@astarmedia.scot

FilmG c/o Astar Media 
56 Rathad Shiophort
Steòrnabhagh
HS1 2SD