Skip to content

12 > 17

A’ bheil thusa a’ sireadh pròiseict làn spòrs airson nan sgoilearan agad no dha clann nas sine? ’S e FilmG am pròiseact dhutsa!

An seo aig FilmG, bith sinn a’ tabhainn dà dhiofar bùth-obrach dha clasaichean Àrd-Sgoil agus buidhnean sgoile airson cuideachadh a thoirt le planadh, leabhraichean-obrach agus tòrr a bharrachd.

Tha sinn a’ tabhainn bùth-obrach leth-latha airson leasachadh sgriobt agus bùth-obrach clàraidh agus gearraidh thairis air dà latha.

Ma tha sibh airson pàirt a ghabhail ann am bùth-obrach airson sgriobt a leasachadh, feumaidh dreach den sgriobt a bhith deiseil mus tig oide dhan sgoil agad.

Thèid na bùthan-obrach seo a ruith le oidean a tha eòlach agus fiosraichte.

Mas e tidsear Àrd-Sgoil a th’ annad no ma tha ceangal agad ri sgoil agus ùidh agad anns na bùthan-obrach, cuir fios thugainn agus ’s urrainn dhuinn rud a chur air dòigh!

BUANNAICHEAN BHO BLIADHNAICHEAN EILE

Gu h-ìosal tha film neo dhà ann a chaidh a dhèanamh le buannaichean bho bliadhnaichean eile.

Seònaid-Shannon NicIlleathain

Brochan Lom-Hammy Sgìth

DUAISEAN A DH’FHAODADH TU BUANNACHADH!

Duais Ghàidhlig nam Fileantach

Tha an duais seo airson an fhilm as fheàrr san roinn 12-17 le filmeadair no buidheann far a bheil còrr is an darna leth dhen fheadhainn a tha a’ gabhail pàirt fileanta sa Ghàidhlig.

Tha sinn a’ coimhead airson film – de sheòrsa sam bith – a tha air a chur ri chèile gu cruthachail, le sgeulachd ùr a bheir tlachd agus toileachas do dhaoine.

Tha Gàidhlig aig cridhe FilmG agus mar sin tha sinn airson filmichean fhaicinn le loidhnichean air an lìbhrigeadh gu siubhlach le daoine aig a bheil Gàidhlig fhileanta, agus gum bi an cànan ga chleachdadh gu gnàthasach grinn.

Duais: £500 a dh’ionnsaigh uidheamachd no trèanadh.

Riatanasan:

  • Fosgailte do luchd-inntrigidh san àrd-sgoil agus filmeadairean neo-eisimeileach eadar aois 12-17.

  • Ma tha nas lugha na an dàrna leth dhen fheadhainn a tha a’ gabhail pàirt fileanta, feumaidh iad feuchainn air an duais airson luchd-ionnsachaidh.

Duais Ghàidhlig an Luchd-Ionnsachaidh

Tha an duais seo airson an fhilm as fheàrr san roinn 12-17 le filmeadair no buidheann far a bheil nas lugha na an dàrna leth dhen fheadhainn a tha a’ gabhail pàirt fileanta sa Ghàidhlig.

Tha sinn a’ coimhead airson film – de sheòrsa sam bith – a tha air a chur ri chèile gu cruthachail, le sgeulachd ùr a bheir tlachd agus toileachas do dhaoine.

Tha luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig nan cuibhreann mòr den luchd-labhairt iomlan agus bidh mòran dhiubh a’ tòiseachadh air an turas ionnsachaidh aca san àrd-sgoil. Bu mhath leinn duais a thoirt dhaibhsan a tha a’ dèanamh oidhirp mhòr agus aig a bheil tuigse shoilleir air na loidhnichean aca.

Duais: £500 a dh’ionnsaigh uidheamachd no trèanadh.

Riatanasan:

  • Fosgailte do luchd-inntrigidh san àrd-sgoil, buidhnean òigridh agus filmeadairean neo-eisimeileach eadar aois 12-17.

  • Feumaidh Gàidhlig a bhith air a bruidhinn san fhilm.


Ma tha còrr is an dàrna leth dhen chloinn a tha a’ nochdadh anns an fhilm fileanta, feumaidh iad a dhol a-steach gu duais Ghàidhlig nam fileantach.

Cluiche as Fheàrr

Tha sinn an-còmhnaidh a’ feuchainn ri tàlant ùr a lorg air beulaibh a’ chamara agus tha sinn airson cleasachd shònraichte a chomharrachadh. Thèid an duais seo chun an neach as fheàrr a lìbhrigeas na pàirt aca, ann am film de sheòrsa sam bith.

Duais: Eàrlas luach £200.

Riatanasan:

  • Fosgailte do luchd-inntrigidh sam bith eadar 12-17.

  • Feumaidh Gàidhlig a bhith air a bruidhinn san fhilm.

Riochdachadh as Fheàrr

Tha e fìor mhath am film crìochnaichte agad fhaicinn aig a’ cheann thall ach uaireannan cha tèid aithne a thoirt dhan obair mhòr a rinneadh air falbh bhon sgrìn gus a thoirt gu buil. Cha tachair seo tuilleadh! Buannaichidh am film a tha a’ dèanamh an fheum as fheàrr de na goireasan a th’ aca agus iad a’ dèanamh an fhilm. Cumaidh sinn sùil gheur air leithid: solas, suidheachadh, maise-gnùis, èideadh, agus props.

Duais: £500 a dh’ionnsaigh uidheamachd no trèanadh.

Riatanasan:

  • Fosgailte do bhuidhnean àrd-sgoile, buidhnean òigridh agus filmeadairean bho aois 12-17.

  • Feumaidh filmichean a bhith air an stiùireadh le clann eadar aois 12-17; faodaidh inbhich a bhith a’ cuideachadh.


Meanbh Film as Fheàrr (Òigridh)

(Buannaiche gu bhith air fhoillseachadh air na meadhanan sòisealta)
Tha FilmG a’ lorg an ath-ghinealaich de dhaoine a nì susbaint air leth.
Tha sinn airson am film goirid as fheàrr fo 60 diog fhaicinn. Ge b’ e an ann do TikTok, Instagram Reels no dìreach YouTube a tha e, tha sinn airson na h-oidhirpean agaibh fhaicinn.

Duais: £250

Riatanasan:

  • Fosgailte do luchd-inntrigidh bho aois 12-17.

  • Feumaidh na filmichean a bhith fo mionaid de dh’fhaid.

  • Chan fhaod thu susbaint dhaoine eile – susbaint 3s pàrtaidh – a chleachdadh san fhilm (susbaint air a bheil còir lethbhreac).


Filmeadair Òg as Fheàrr

Tha sinn a’ coimhead airson film a chaidh a dhèanamh le neach fa leth no le buidheann de chàirdean gun taic bho inbhich, a bheir tlachd don luchd-amharc.

Duais: £500 a dh’ionnsaigh uidheamachd no trèanadh.

Riatanasan:

  • Fosgailte do luchd-film eadar aois 12-17 a-mhàin
  • Cha bu chòir do luchd-inntrigidh a bhith air taic fhaighinn bhon sgoil, no tro bhùth-obrach, airson an fhilm seo.

Film Aithriseach as Fheàrr

Tha sinn a’ sireadh film aithriseach a tha air a dheagh rannsachadh agus air a dheagh chur ri chèile, le sgriobt agus agallamhan làidir, a tha a’ taisbeanadh sgeulachd inntinneach dhan luchd-amhairc.

Duais: £500 a dh’ionnsaigh uidheamachd no trèanadh.

Riatanasan:

  • Fosgailte do luchd-inntrigidh san àrd-sgoil, buidhnean òigridh agus filmeadairean neo-eisimeileach eadar aois 12-17.

  • Feumaidh filmichean a bhith air an stiùireadh leis an neach-film òg; faodaidh inbhich a bhith a’ cuideachadh.


Film as Fheàrr

Tha an duais seo airson an fhilm as fheàrr airson clann fo aois 12.
Tha sinn a’ coimhead airson film – de sheòrsa sam bith – a tha air a chur ri chèile gu cruthachail, le sgeulachd ùr a bheir tlachd agus toileachas don luchd-coimhid.

Duais: £500 a dh’ionnsaigh uidheamachd/trèanadh.

Riatanasan:

  • Fosgailte do bhun-sgoiltean, buidhnean òigridh agus filmeadairean neo-eisimeileach fo aois 12.

  • Feumaidh filmichean a bhith air an stiùireadh le clann; faodaidh inbhich a bhith a’ cuideachadh.


Duais Roghainn an t-Sluaigh (Òigridh)

Tha fèill mhòr air Duais Roghainn an t-Sluaigh agus is iad an fheadhainn a gheibh an àireamh as àirde de bhòtaichean a ghlèidheas an duais. Mar sin, tha bhòtadh ro-chudromach!

Duais: £100

Riatanasan:

  • Tha cothrom aig GACH FILM sa cho-fharpais air an duais seo.


A BHEIL FEUM AGAD AIR BEACHDAN

Carson nach toir thu sùil air filmichean bho bhliadhnaichean roimhe air an t-seanail YouTube againn?

FIOSRACHADH FEUMAIL

Stiùireadh agus geàrr-chunntas air riaghailtean agus mar a chuireas film tu a-steach.

ss-1-1
ss-1-2
ss-1-3
ss-1-4

CUIR-FIOS

FIOSRACHADH COITCHEANN

fios@filmg.co.uk

Manaidsear Pròiseict – Murchadh MacSween
murdo@astarmedia.scot

FilmG c/o Astar Media 
56 Rathad Shiophort
Steòrnabhagh
HS1 2SD