Na Roinnean

Na Roinnean

Film Aithriseach as Fheàrr

Duais: £500

Tha sinn a’ sireadh film aithriseach a tha air a dheagh rannsachadh agus air a dheagh chur ri chèile, le sgriobt agus agallamhan làidir, a tha a’ taisbeanadh sgeulachd inntinneach dhan luchd-amhairc.

Coltas as Fheàrr

Duais: £1000

Buannichidh am film a tha a’ dèanamh an fheum as fheàrr de na goireasan a th’ aca agus iad a’ dèanamh an fhilm.

Thèid moladh a’ dhèanamh air iadsan a chleachdas cuspair na bliadhna ann an dòigh iongantach.

Cumaidh sinn sùil gheur air leithid: solas, suidheachadh, maise-gnùis, èideadh, props agus mar a tha a h-uile càil tighinn ri chèile.

An Duais Gàidhlig

Duais: £1000

Tha Gàidhlig aig cridhe FilmG, agus tha an duais ag aithneachadh càileachd am film cuide ri teisteanas bho filmeadairean / oidichean / sgoiltean mu cleachdadh na Gàidhlig an dà chuid air beulaibh agus air cùl a’ chamara.

Bidh an duais seo a’ gabhail a-steach filmichean le luchd-fileanta agus luchd-ionnsachaidh, ag aithneachadh oidhirp agus urram mar prìomhachas.

Tha sinn a’ coimhead airson film de sheòrsa sam bith a tha air a chur ri chèile gu cruthachail, le sgeulachd ùr a bheir tlachd agus toileachas do dhaoine.

Buidheann Òg as Fheàrr

Duais: £500

Tha an duais seo a’ comharrachadh filmichean air an dèanamh le buidheann, leithid buidheann-sgoile no bho buidheann-stèidhte, le cuideam air co-chleasachd agus mar a thàinig buidheann còmhla airson cuideachadh.

Gheibh britheamhan stiùir bho oidichean agus sgoiltean ach thèid measadh a’ dhèanamh cuideachd air càileachd an fhilm.

Chan eil an roinn fosgailte to dh’ fhilmichean le filmeadairean no buidhnean neo-eisimeileach.

Rionnag na Bliadhna

Duais: £500 am buannaiche agus 5×100 gu gach neach eile air a’ gheàrr-liost

Tha an duais seo ag aithneachadh sàr-oidhirp bho neach fa leth.

Thèid gach eileamaid a bhreithneachadh, a bharrachd air iadsan iomchaidh airson Cluich as Fheàrr seach gu bheil duais fa leth ann airson sin.

Cuiridh filmeadairean / oidichean / sgoiltean teisteanas air adhart airson breithneachadh leis na filmichean fhèin.

Gheibh britheamhan cuideachd ùghdarras daoine aithneachadh a-mhàin air sgàth càileachd an fhilm fhèin.

Bidh an roinn seo a measadh sgilean leithid: sgrìobhadh, guth-thairis, maise-gnùis, èideadh, dealbhachaidh, solasachadh, stiùireadh, obair camera, gearraidh, obair-chlaisneach, ceòl, riochdachadh, am measg eile.

Cluiche as Fheàrr (Òigridh)

Duais: £500

Tha FilmG an-còmhnaidh a’ feuchainn ri tàlant ùr a lorg air beulaibh a’ chamara agus tha sinn airson cleasachd shònraichte a chomharrachadh.

Thèid an duais seo chun an neach as fheàrr a lìbhrigeas na pàirt aca, ann am film de sheòrsa sam bith.

Feumaidh Gàidhlig a bhith air a bruidhinn san fhilm.

Film as Fheàrr (Òigridh)

Duais: £1000

Tha an duais seo airson an fhilm as fheàrr airson san Fharpais Òigridh.

Tha sinn a’ coimhead airson film de sheòrsa sam bith a tha air a chur ri chèile gu cruthachail, le sgeulachd ùr a bheir tlachd agus toileachas don luchd-coimhid.

Duais Roghainn FilmG (Òigridh)

Duais: £500

Tha Duais Roghainn FilmG (Òigridh) ag aithneachadh am film as fèillmhor bhon Fharpais Òigridh – mar a bhòt sibh fhèin.

Thèid bhòt a’ phoball a chumail ri taobh an bhòt aig gach filmeadair no sgoil.

Bithidh 50/50 cuideam air an dà eileamaid.

Chan fhaod filmeadairean / sgoiltean bhòtadh airson na filmichean aca fhèin (no filmichean eile bhon sgoil / na sgoilearan aca).

Duaisean Eile

Duaisean Eile

Sgriobt as Fheàrr

Duais: £500

Tha an duais sgriobt as fheàrr ann airson cothrom agus taic a thoirt dha daoine gus sgriobt ficsean sa Ghàidhlig a sgrìobhadh.

Faodaidh sgriobtaichean a bhith a’ buntainn ri cuspair sam bith agus stèidhichte air film san fharpais no comasach film a dhèanamh stèidhichte orra san àm ri teachd.

Feumaidh an sgriobt a bhith na sgriobt Gàidhlig bho thùs.

Cha ghabh sinn ri sgriobt a chaidh eadar-theangachadh.

Fosgailte gu luchd-inntrigidh air fad.

Film Oileanach as Fheàrr

Duais: £500

Tha sinn a’ lorg fhilmichean a chaidh a dhèanamh le oileanach, no le buidheann de dh’oileanaich, agus a tha ùr-ghnàthach, so-chreidsinneach agus air an deagh riochdachadh.

Tha sgeulachd làidir, deagh lìbhrigeadh agus cleachdadh na Gàidhlig nam bunaitean, anns a h-uile seòrsa film.

Feumaidh luchd-tagraidh a bhith nan oileanaich clàraichte ann am bliadhna acadaimigeach 2022/23