A’ LORG TÀLANT ÙR
Tha FilmG na cho-fharpais fhilmichean goirid sa Ghàidhlig, a tha a’ brosnachadh agus a’ cumail taic ri gach taobh de dh’fhilmichean, bho dhaoine òga gu proifeiseantaich sa ghnìomhachais. Chaidh FilmG a chur air bhog ann an 2008 gus tàlant ùr a leasachadh airson an t-seanail Gàidhlig BBC ALBA a chaidh a chur air bhog san aon bhliadhna. Bhon uair sin, tha e air còrr is 900 film goirid fhaighinn agus tha tòrr dhaoine òga air air an dreuchdan ann an craoladh telebhisean Gàidhlig a thòiseachadh tron cho-fharpais.
CUSPAIR
Co-dhiù tha thu ann an sgoil, buidheann coimhearsnachd no buidheann de sgoileran ann an Àrd-sgoil 2, is dòcha gu bheil feum agad air beagan stiùireadh. Tha sinn air an cuspair ‘Lorg’ a mhìneachadh ann an 3 diofar dhòighean … agus chruthaich sinn film ‘Am Bogsa’.
CEANN-LATHA MU DHEIREADH: 13.12.21
Chan sinn a’ dèanamh fiughair ri fhaicinn dè nì thu … cuir iongnadh oirnn, no thoir oirnn a bhith a’ gàireachdainn no a’ sgreuchail! Gur math a thèid leat!



