Skip to content

18+

Ma tha thu dìreach air an sgoil fhàgail agus a’ coimhead airson rudeigin ri dhèanamh a bhiodh gu math spòrsail, carson nach dèan thu film no nach sgrìobh thu sgriobt!

Chan eil diofar dè an ìre eòlais a th’ agad, tha sinn cinnteach gu bheil duaisean againn a bhios tarraingeach. Le duaisean luach £100 suas gu £1,000, cha dèanadh e ciall a bhith dìomhain!

Mura bheil thu air film a dhèanamh, no sgriobt a sgrìobhadh roimhe, tha fios againn gun urrainn dha a bhith beagan eagalach. Gu h-àraidh nuair nach eil buileach fios agad càite a bheil thu a’ dol a thòiseachadh!

Ma tha thu a’ faireachdainn mar seo, na bi diùid agus dèan cinnteach gun cuir thu fios thugainn. ’S urrainn dhuinn do chuideachadh le iomadach rud, mar eisimpleir leis a’ Ghàidhlig anns an sgriobt no mar a dh’fhaodas tu am film agad a ghearradh. Agus cuimhnich, chan eil an leithid de rud ann ri ceist ghòrach!

An seo gheibh thu lorg air a h-uile pìos fiosrachaidh air a bheil thu feumach airson film a chruthachadh agus a chur a-steach dhan cho-fharpais am-bliadhna.

Agus a bharrachd air sin, ’s urrainn dhut dèanamh cinnteach gu bheil thu anns an roinn cheart. Mas e ’s gu bheil thu a’ smaoineachadh nach e seo an duilleag dhutsa, thoir sùil air na farpaisean eile againn.

BUANNAICHEAN BHO BLIADHNAICHEAN EILE

Gu h-ìosal tha film neo dhà ann a chaidh a dhèanamh le buannaichean bho bliadhnaichean eile.

Seònaid-Shannon NicIlleathain

Brochan Lom-Hammy Sgìth

DUAISEAN A DH’FHAODADH TU BUANNACHADH!

Film as Fheàrr

Tha sinn a’ sireadh fhilmichean de ghnè sam bith a tha ùr-ghnàthach, tarraingeach agus a bheir tlachd don luchd-amhairc. Tha sgeulachd làidir aig cnag na cùise, is bidh sinn a’ coimhead air sin agus mar a tha am film air fad a’ tighinn ri chèile agus a’ còrdadh ris an luchd-amhairc.

Duais: £1,000 a dh’ionnsaigh uidheamachd no trèanadh:

Riatanasan:

  • Fosgailte do dh’fhilmeadairean a tha ag obair air an cinn fhèin.
  • Fosgailte do bhuidhnean coimhearsnachd agus oileanaich.

  • Fosgailte don a h-uile duine eile cho fad ’s NACH DEACH an ainmeachadh mar riochdaire no stiùiriche ann am prògram a chaidh a chraoladh.

Film Dùthchais as Fheàrr

Dè a th’ann an dùthchas? Dualchas, cultar, an tìr, nàdar, fiadh-bheatha, an àrainneachd…. Tha an ceangal eadar an cànan ’s an àrainneachd tric cho soilleir ri fhaicinn sna h-ainmean-àite againn, ann an ainmean bheathaichean, eòin is flùraichean.

Tha croitearan is iasgairean ann a tha ro-eòlach air na h-àiteachan dham buin iad, agus a tha a’ glèidheadh an cuid dualchais. Tha sinn a’ lorg fhilmichean aithriseach a tha a’ toirt sealladh ùr dhuinn air a’ cheangal eadar daoine agus na sgìrean aca.

Duais: £1000 a dh’ionnsaigh uidheamachd no trèanadh.

Riatanasan:

  • Fosgailte do bhuidhnean coimhearsnachd agus oileanaich.

  • Fosgailte cuideachd do filmeadairean a tha ag obair air an cinn fhèin cho fad ’s NACH DEACH an ainmeachadh mar riochdaire no stiùiriche ann am prògram a chaidh a chraoladh.

Cluiche as Fheàrr

Tha sinn an-còmhnaidh a’ feuchainn ri tàlant ùr a’ lorg air beulaibh a’ chamara agus tha sinn airson cleasachd shònraichte a chomharrachadh. Thèid an duais seo chun an neach as fheàrr a lìbhrigeas an cuid pàirt, ann am film de sheòrsa sam bith.

Duais: £200 a dh’ionnsaigh uidheamachd no trèanadh.

Riatanasan:

  • Fosgailte do na cleasaichean is an luchd-lìbhrigidh air fad, ach thèid prìomhachas dhaibhsan nach robh an sàs ann an cleasachd proifeiseanta roimhe.
  • Feumaidh pàirt le Gàidhlig a bhith aig a’ chleasaiche.

Meanbh Film as Fheàrr (Fosgailte)

(Buannaiche air fhoillseachadh air na meadhanan sòisealta) Tha FilmG a’ lorg an ath ghinealach de dhaoine òga tàlantach.
Tha sinn airson am film goirid as fheàrr fo 60 diogan fhaicinn. ’S dòcha gu bheil e freagarrach airson TikTok, Instagram Reels no YouTube. Tha sinn airson na h-oidhirpean agad fhaicinn.

Duais: £250.

Riatanasan:

  • Fosgailte do luchd- inntrigidh aois 18+.
  • Feumaidh na filmichean a bhith fo mhionaid a dh’fhaid.

  • Chan fhaod thu susbaint 3s pàrtaidh le dlighe-sgrìobhaidh a chleachdadh
    (no còir-lethbhreac).

Filmeadair Ùr as Fheàrr

’S dòcha nach do rinn thu film roimhe – seo a-nis an cothrom! Thèid an duais seo gu filmeadair a tha a’ sealltainn comas mar fhilmeadair ùr san fharpais.

Duais: £500 a dh’ionnsaigh uidheamachd no trèanadh.

Riatanasan:

  • Bu chòir gur e seo a’ chiad turas aig luchd-inntrigidh feuchainn air an fharpais mar stiùiriche/filmeadair (tha e ceart gu leòr ma bha thu an sàs ann an dòighean eile (cleasachd/air sgioba).
  • Bu chòir cuideachd gur e seo a’ chiad turas aig luchd-inntrigidh feuchainn air an fharpais (mar inbheach).
  • Chan eil oileanaich air cùrsa meadhanan no film ceadaichte airson na duais seo.

Sgriobt as Fheàrr

Tha an duais sgriobt as fheàrr ann airson cothrom agus taic a thoirt dha daoine gus sgriobt ficsean sa Ghàidhlig a sgrìobhadh.

Faodaidh sgriobtaichean a bhith a’ buntainn ri cuspair sam bith, agus bu chòir ’s gum biodh e comasach film a dhèanamh stèidhichte orra.

Duais: £300 a dh’ ionnsaigh uidheamachd no trèanadh.

Riatanasan:

  • Feumaidh an sgriobt a bhith na sgriobt Gàidhlig bho thùs.

  • Cha ghabh sinn ri sgriobt a chaidh eadar-theangachadh.
  • Fosgailte gu luchd-inntrigidh air fad aois 18+.

Duais Roghainn an t-Sluaigh (Fosgailte)

Tha fèill mhòr air Duais Roghainn an t-Sluaigh agus ’s iad an fheadhainn a gheibh an àireamh as àirde de bhòtaichean a ghlèidheas an duais, is mar sin, tha bhòtadh ro-chudromach!

Duais: £100.

Riatanasan:

  • Tha cothrom aig GACH FILM FOSGAILTE sa cho-fharpais air an duais seo.

Film Oileanach as Fheàrr

Tha sinn a’ lorg fhilmichean a chaidh a dhèanamh le oileanach, no le buidheann de dh’oileanaich, agus a tha ùr-ghnàthach, so-chreidsinneach agus air an deagh riochdachadh. Tha sgeulachd làidir, deagh lìbhrigeadh agus cleachdadh na Gàidhlig nam bunaitean, anns a h-uile seòrsa film.

Duais: £1000 a dh’ionnsaigh uidheamachd no trèanadh

Riatanasan:

  • Feumaidh luchd-tagraidh a bhith nan oileanaich clàraichte ann am bliadhna acadaimigeach 2021/22

  • Faodaidh luchd-tagraidh a bhith air cùrsa sam bith ann am Foghlam Àrd-ìre: làn ùine no pàirt ùine


Stiùiriche as Fheàrr

“Thòisich gach beachd math mar dhroch bheachd, ’s e sin an t-adhbhar ’s gu bheil e a’ toirt cho fada tighinn gu bith.” – Steven Spielberg

’S iad na Stiùirichean a bhios a’ dèanamh gu leòr dhe na co-dhùnaidhean. Tha sinn airson stiùireadh is co-dhùnaidhean dàna a chomharrachadh. Tha sin airson cruthachalachd agus comas a chomharrachadh.

Fhad ’s a tha sinn a’ taghadh a’ bhuannaiche, bidh sinn a’ coimhead air a h-uile càil a tha a’ tighinn fo smachd an stiùiriche – cleasachd, no cho comhfhurtail ’s a tha agallamhan dhaoine, dealbhadaireachd, riochdachadh, agus mar a tha a h-uile càil air fhighe còmhla.

Duais: £1000 a dh’ionnsaigh uidheamachd no trèanadh.

Riatanasan:

  • Fosgailte do luchd-inntrigidh san roinn fhosgailte.
  • Cha tèid Stiùirichean le teisteanas-craolaidh mar Riochdaire no Stiùiriche a mheasadh airson na duais seo.

A BHEIL FEUM AGAD AIR BEACHDAN

Carson nach toir thu sùil air filmichean bho bhliadhnaichean roimhe air an t-seanail YouTube againn?

FIOSRACHADH FEUMAIL

Stiùireadh agus geàrr-chunntas air riaghailtean agus mar a chuireas film tu a-steach.

home-wains
home-fruitmarket
home-award
home-presenter

CUIR-FIOS

FIOSRACHADH COITCHEANN

fios@filmg.co.uk

Manaidsear nam pròiseactan – debbie@cgs-skye.com
+44 (0) 1471 888500

FILMG, Cànan Graphics Studio, Sabhal Mòr Ostaig, Sleat, Isle of Skye
Scotland, IV44 8RQ