Molaidhean mòra Keith Partrige



’S e neach-camara dàna a tha ann an Keith Partridge a bhuannaich iomadh duais; nam measg BAFTA airson Film Breatannach Air Leth, ‘Touching the Void’, ann an 2004.

Tha e air 60 film dàna is sreap a dhèanamh airson craoladh no sealltainn ann an taighean-dealbh is e a’ cosnadh còrr is 20 duais eadar-nàiseanta. Bidh Keith a’ siubhail air feadh an t-saoghail gus obair ann an cuid de na h-àiteachan as inntinnich ’s as cunnartaich a tha ann. Sa mhòr-chuid bidh e ag obair air prògraman aithriseach agus filimichean agus tha eòlas spèisealta aige air obair-shuidheachaidh, dàn-shiubhail, cleachdadh is teàrnadh le ròpaichean.

Tha barrachd air 20 bliadhna de dh’eòlas aige sa ghnìomhachas agus mar neach-teagaisg ann an ionad-trènaidh nàiseanta SONAR aig a’ BhBC, anns an ‘Adventure Film Academy’ agus ann am Banff Centre for Mountain Culture an Canada. Ma tha thusa am beachd filmeadh a dhèanamh taobh a-muigh, thoir fa-near molaidhean mòra Keith.

Dh’fhaodadh tu cuideachd dol chun na làraich-lìn aige www.adventurecamera.co.uk


Taic

Tha sinn airson taic a thoirt dhuibh nuair a tha sibh a’ dèanamh ur film goirid. Bidh bùithtean-obrach rim faotainn ann an sgrìobhadh, filmeadh agus deasachadh. Tha cuideachd cuid den luchd-proifeiseanta as cliùitiche sa ghnìomhachas ann an Alba againn airson comhairle a thoirt dhuibh ann a bhith a’ dèanamh ur film. Ach an toiseach, seo beagan bun-stiùiridh:

Beachdan

'S e beachd-smuain a' chiad rud a dh'’fheumas tu airson film goirid a dhèanamh. An uair sin feumaidh sibh smaoineachadh air mar a chuireas sibh am beachd seo an cèill don t-sluagh: ’s dòcha aithriseachd, 's dòcha le bhith a’ toirt air daoine gàire, rudeigin a dhùisgeas smuain, dràma... no rudeigin gu tur eadar-dhealaichte? Tha na filmichean as fheàrr a’ cleachdadh beachd-smuain àraid. Ged a tha seo nas doirbhe smaoineachadh air, tha e a’ toirt air ur film a bhith nas follaisiche na càch.

Sgriobt

Tha sgriobt làidir cudromach airson film soirbheachail. Biodh ur n-aire air an luchd-amhairc air a bheil sibh ag amas nuair a tha sibh a’ sgrìobhadh: dè tha iad ag iarraidh fhaicinn? Bu chòir dhan sgeulachd trì bun cheumannan a leantainn – toiseach, meadhan agus deireadh. Le filmichean goirid, bu chòir dhan ro-ràdh a bhith gu math luath airson luchd-amhairc a tharraing a-steach gu luath. Na feuch ri cus a dhinneadh a-steach ann an ùine ghoirid bidh an luchd-amhairc buileach tro-chèile. Nuair a tha sibh a’ sgrìobhadh, smaoinich air dè bhios na caractaran a’ dèanamh agus cò ris a bhios na dealbhan camara coltach, tarraingidh cuid de stiùirichean bùird-sgeòil.

Filmeadh

Ron fhilmeadh, dèanaibh cinnteach gu bheil sibh air ullachadh math a dhèanamh. Ma tha fios aig a h-uile neach dè tha còir aca a dhèanamh mu thràth, bidh am filmeadh nas fhasa. Cuideachd, dèan cinnteach gu bheil an t-uidheam ceart air fad agad, gus am bi am film agad den inbhe as fheàrr a ghabhas. Ma dh’fheumas sibh uidheam fhastadh, dèanaibh cinnteach gun tèid am filmeadh a dhèanamh anns an dòigh as èifeachdaiche ’s a ghabhas, gus nach fheum thu barrachd air na dh’fheumas tu a phàigheadh.

Nithean eile

Cha dèan sgriobt fìor mhath a-mhàin film fìor mhath. Tha nithean eile mar inbhe an fhuaim agus an t-solais, na h-actaran agus an deasachadh a cheart cho cudromach. Faigh beachdan agus tàlantan daoine eile airson ur cuideachadh. Faodaidh diofar dhaoine obrachadh air na nithean anns a bheil iad nas èifeachdaiche gus am bi an obair cho math ’s a ghabhas e bhith. Faodaidh daoine eile diofar bheachdan a thabhann gus an gabh piseach a thoirt air am film.

Thoiribh an aire

Bith luchd-amhairc farsaing a’ coimhead ur film, is feumaidh e a bhith mar U/PG a rèir stiùireadh a’ BhBFC.