Bha Joe Thomas, rionnag nan 'In-betweeners', am measg nan aoighean sònraichte eile air an àrd-ùrlar aig Cùirt an Aodainn airson an dàrna Cuirm aig FilmG. Thug Joe seachad an duais airson Comadaidh/Dràma as Fheàrr do Ewan Smith airson 'Cnap-starra Cànain'. Ghlèidh Ewan an duais airson Stiùiriche (Gnìomhachas) as Fheàrr cuideachd. B' i Ealasaid-Anna Nic a' Phipear a bhuannaich Cluich as Fheàrr anns 'An Latha a Fhuair Gàidhlig Greim air an t-Saoghal'. Bhuannaich 'An Texan a' Tilleadh Dhachaigh' aig Àrd-sgoil Àird nam Murchan am Film as Fheàrr ann an roinn nan Daoine Òga agus b' e 'An Tùr' aig Àrd-sgoil Ìle a bhuannaich Roghainn an t-Sluaigh tro bhòt phoblach. Faic liosta nam buannaichean airson Inbhich agus Daoine Òga.
Ghluais Fiona NicCoinnich agus Calum 'Caxy' MacAmhlaigh bhon sgàilean dhan àrd-ùrlar a-rithist gus stiùireadh a thoirt air oidhche bheòthail dhòchasach. Chuir an luchd-amharc fàilte air 'na gaisgich' ann an telebhisean Gàidhlig leithid Dàibhidh Walker, an stiùiriche Robbie Friseal, Emma agus Anndra bho Rapal, 's am preseantair Moira Dhòmhnallach. Thill Ùisdean Moireach airson misneachd a thoirt do na filmadairean ùra, às dèidh bliadhna shoirbheachail aig an fhilm ghoirid aige 'Siubhlachan' a bhuannaich FilmG roimhe.
Mealaibh an naidheachd do ar buannaichean agus ceud mìle taing do gach neach a thug cùl-taic is maoin do FilmG2. Bidh FilmG3 ann a dh'aithghearr - tha fadachd oirnn ris!
Tha filmichean na bliadhna-sa uile rim mealtainn air an duilleag FAIC FILMICHEAN.
>>Gabhaidh FilmG3 ri inntrigidhean a dh’aithghearr. Gabh ballrachd sa chuairt-litir mhìosail againn airson cumail ris na tha a’ dol agus cùm d’ aire air an làraich!
>>Dealbhan na h-oidhche mhòire ri thighinn ann an ùine gun a bhith fada!
>>Thèid Fèis nam Meadhanan Ceilteach a chumail anns An Tiúr, Èirinn a’ Tuath 21-23/4/10. Prògram slàn de thachartasan: www.celticmediafestival.co.uk
>>Duaisean Tàlant Ùr BAFTA Alba 2010, Glaschu, 19/3/10. Tadhail air www.bafta.org.uk airson barrachd fiosrachaidh.
