An Trèanadh

A’ CUR RI LEASACHADH DO THÀLANT


An e sgoilear no tidsear a th’ annad, no cuideigin a tha ag iarraidh film goirid Gàidhlig a dhèanamh?

An-uiridh, bha sinn ag obair còmhla ri 17 sgoiltean gus an cuideachadh le am film a thoirt gu buil. Agus am-bliadhna, tha sinn an dùil an dearbh rud a dhèanamh, an lùib clàr-ama slàn de bhuidhnean-obrach do dh’inbhich a bhios fosgailte do dhuine sam bith aois 16 no nas sine.

Bidh sinn cuideachd, ann an co-bhann ri HIE/ScreenHI agus caochladh chom-pàirtichean eile, airson iomairtean trèanaidh a’ tabhann do dhaoine le dealas pàirt a ghabhail ann am FilmG, ach as dòcha aig nach eil mòran eòlais air filmeadaireachd.

Thoisich na cothroman trèanaidh am-bliadhna san t-Sultain le deireadh-seachdain ann an Sabhal Mòr Ostaig làn bhuidhnean-obrach filmeadaireachd. Bi Bùth-obrach Beul a' Chamara a tachairt aig Sabhal Mòr Ostaig air 18 Samhain.