Duaisean

Seo agaibh na duaisean airson FilmG am bliadhna:

Duaisean Inbheach

Dràma Goirid as Fheàrr

£1,500

Dràma no Comadaidh Goirid a tha neo-chumanta, aig a bheil sgriobt làidir, ciallach agus a th’ air a lìbhrigeadh ann an dòigh tharraingeach, so-chreidsinn.

Fosgailte do dhuine sam bith seach daoine aig a bheil teisteanas craolaidh mar riochdaire no stiùiriche

Aithris Ghoirid as Fheàrr

£1,500

Am film goirid a nì aithris air beatha riochdail (eachdraidheil no co-aimsireil), a nochdas neo-chumantachd agus a th’ air a lìbhrigeadh ann an dòigh tharraingeach, so-chreidsinn.

Fosgailte do dhuine sam bith seach daoine aig a bheil teisteanas craolaidh mar riochdaire no stiùiriche

Cluich as Fheàrr

£1,000

Tha an cluicheadair a’ tàladh a-steach an luchd-amhairc agus a’ lìbhrigeadh a’ phàirt aige ann an dòigh tharraingeach, so-chreidsinn.

Chan eil daoine aig a bheil teisteanas cleasachd airidh air an duais seo.

Film Coimhearsnachd as Fheàrr

£1,000 & cuirm chraolaidh FilmG/BBC ALBA anns a’ choimhearsnachd

Film le coimhearsnachd no le buidheann choimhearsnachd a bheir mion shealladh air a’ choimhearsnachd no a rannsaicheas cuspairean cudromach dha, a nochdas neo-chumantachd agus a th’ air a lìbhrigeadh ann an dòigh tharraingeach, so-chreidsinn.

Fosgailte do bhuidheann choimhearsnachd sam bith. Ma thig filmeadair agus a’ choimhearsnachd an co-bhann ris a chèile, bu chòir don fhilmeadair a bhith mar neach-taic agus thèid an duais a thoirt don bhuidheann choimhearsnachd.

Film Oileanaich as Fheàrr

Greis ghnìomhachais pàighte airson 1 mhìos aig companaidh mheadhanan

Am film, dràma no aithris oileanaich a nochdas neo-chumantachd, a th’ air a dheagh stiùireadh ’s a tha air a lìbhrigeadh ann an dòigh tharraingeach, so-chreidsinn.

Fosgailte do dhuine sam bith clàraichte mar oileanach làn-ùine aig àm an tagraidh (6 Faoilleach, 2012)

Film Eadar-nàiseanta as Fheàrr

Aoighean Sònraichte (2) aig Cuirm nan Duaisean

Film Eadar-nàiseanta as Fheàrr:

Cha do thagh na britheamhan film airson na duaise seo.

Stiùiriche Ùr as Fheàrr (Gnìomhachas)

£1,000

An stiùiriche a nì film a nochdas lèirsinn fhollaiseach, le cleasaichean air an deagh stiùireadh agus a cheanglas an sgeul gu buaidheach ris an luchd-amhairc le taghadh is coimeasg ealanta de sheallaidhean.

Fosgailte do dhaoine aig a bheil teisteanasan craolaidh mar-thà (seach riochdairean is stiùirichean)

Stiùiriche Ùr as Fheàrr (Inntrigeach Ùr)

Lean an cois stiùiriche eòlach fad seachdain fhad ’s a tha e a’ dèanamh a chuid obrach (film ri dhearbhadh)

An stiùiriche a nì film a nochdas lèirsinn fhollaiseach, le cleasaichean air an deagh stiùireadh agus a cheanglas an sgeul gu buaidheach ris an luchd-amhairc le taghadh is coimeasg ealanta de sheallaidhean.

Tha an duais fosgailte a-mhàin do dhaoine aig nach eil teisteanas craolaidh idir.

Duais Cuspair FilmG

Cuach

Am film a mhìnicheas cuspair FilmG “Air an Stairsich” anns an dòigh as inntinniche, as tarraingiche agus ann an dòigh a tha os cionn a’ chumantais.

Fosgailte do na h-inbhich uile a chuireas film a-steach

Duaisean 12-17

Film as Fheàrr

£1,000

Am film san roinn 12-17 a bheir bàrr air càch ann an iomadach raon filmeadaireachd, an leithid: neo-chumantachd sgeula; sgriobt; riochdachadh agus cluich.

Cluich as Fheàrr

Latha a-muigh air Prògram BBC ALBA

An neach (ann an gnè sam bith) a lìbhrigeas am pàirt aige san dòigh as so-chreidsinn bho thaobh an sgriobta agus cuspairean an fhilm.

Thèid ceathrar a chur air a’ ghearr-liosta agus gheibh ceathrar iomradh molaidh. 

Sgriobt as Fheàrr

Cuach

Am film as motha a chuireas a bheachdan an cèill gu buaidheach tron sgriobt (còmhradh agus dèanadas) aige.

Duais Cuspair FilmG

Cuach

Am film a mhìnicheas cuspair FilmG anns an dòigh as tarraingiche ’s as brosnachaile, agus ann an dòigh a tha os cionn a’ chumantais.

Riochdachadh as Fheàrr

Cuach

Am film a bheir an fhianais as fheàrr air planadh buaidheach agus cleachdadh innleachdach de ghoireasan. Bheirear aire do raointean sònraichte an leithid: obair chamara; fuaim; solais; àite; dathadh gnùise; trusgain is seataichean, èideadh agus propachan.

Duais Ghàidhlig FilmG

Cuach

Am film as motha san tèid an còmhradh Gàidhlig a labhairt gu siùbhlach, soilleir.

Molaidhean Cluiche as Fheàrr

Ged nach d’ fhuair iad air a’ gheàrr-liosta, bha na cleasaichean seo air an moladh airson an cluich aca.