A' Cho-fharpais
A' SIREADH TÀLANT ÙR
Tha sinn a' sireadh fhilmichean sònraichte, tarraingeach agus piobrachail, anns a’ Ghàidhlig. Tha FilmG fosgailte do dhuine sam bith, ann an àite sam bith air an t-saoghal. Faodaidh tu d’ fhilm a dhèanamh ann an gnè sam bith, air chosgais sam bith agus CHAN fheum Gàidhlig a bhith agad.
Riatanasan na farpaise:
- Feumar film Gàidhlig a dhèanamh
- Feumaidh am film a bhith eadar 3-5 mionaidean a dh’fhaid (le tiotalan)
- Feumar am film a chur a-steach ro 6 Faoilleach 2012 (faic riaghailtean)
Tha dà cho-fharpais ann: tè do dh’inbhich os cionn aois 18, agus tè do dhaoine aois 12-17. Tha duaisean math airgid againn, agus bidh sinn a’ toirt trèanadh do dhaoine a tha ag iarraidh an sgilean filmeadaireachd a leasachadh, a bharrachd air buidhnean-obrach filmeadaireachd do sgoiltean.
Tha cuspair aig FilmG a h-uile bliadhna a ghabhas cleachdadh mar thoiseach tòiseachaidh. Am-bliadhna, ’s e ‘Air an Stairsich’ a th’ ann. Ach, mura bheil thu airson cumail ris a’ chuspair, na gabh dragh - cha tèid do pheanasachadh.
Feumar na filmichean uile a chur a-steach ro mheadhan-oidhche, Dihaoine 6 Faoilleach 2012 (mìos shlàn a bharrachd am-bliadhna!). Tha sinn ag iarraidh ort d’ fhilm a chur a-steach air-loidhne, mas urrainn dhut. Leugh am fiosrachadh teicnigeach gus tuilleadh ionnsachadh a thaobh mar a ghabhas seo a dhèanamh. Gura math a thèid leat!

Lean Sinne»