'S e FilmG fear de na prìomh chothroman san dùthaich airson thu fhèin 's d’ obair a thaisbeanadh. Chan eil agad ach film goirid Gàidhlig de 3-5 mionaidean a dh'fhaid a dhèanamh.
‘S e Acras/Miann cuspair na bliadhna seo. Tha sinn air trì iomhaighean gu math eadar-dhealaichte a chruthachadh, 's sinn an dòchas gum bi iad nam brosnachadh dhan film agadsa.
Tha MG ALBA, a' bhuidheann a tha a' maoineachadh FilmG, airson faighinn a-mach mu bhuaidh FilmG air an fheadhainn a tha a' cur a-steach air a son; a' cumail taic rithe tro a bhith a' ruith bhùithtean-obrach; a' tighinn a-mach gu oidhche nan duaisean air neo a' sponsaireadh nan duaisean.
Thar nam beagan sheachdainean ri thighinn, bi diofar chothroman agad innse dha MG ALBA mu na fhuair thu fhèin às FilmG. Cùm sùil a-mach airson nan sgrùdaidhean-beachd a thèid an àrd a dh'aithghearr air làrach-lìn FilmG, agus feuch is cleachd iad airson do chuid beachdan a chur a-steach thugainn.
Ma tha thu ag iarraidh fiosrachadh a bharrachd mun rannsachadh seo, cuir fios gu Seona NicIllinnein aig shona@solas-biz.co.uk.
03/23: Buannaichean am-bliadhna-sa air am foillseachadh! http://t.co/mc5cUGZf3m | This year's winners published http://t.co/TgKrQroF02
03/05: Voting now closed for the People's Choice Award! Thanks to everyone who voted.
03/05: Bhòtadh airson Duais Roghainn an t-Sluaigh dùinte! Taing mhòr dhuibh uile airson bhòtadh.
Sealladh de bheatha dhaoine òga agus iad a’ toirt seachad am beachdan air an t-saoghal mu thimcheall orra agus na tha romhpa anns an àm ri teachd. Tha am fiolm goirid seo ag innse, gu h-onarach, mu dheidhinn an acrais a tha air daoine òga nam beatha agus am miann a th’ aca agus iad a’ dol air adhart.