Tha sinn a' lorg fhilmichean goirid den a h-uile seòrsa: dràma, aithriseach, spòrs, oillteil, comadaidh, bhideo ciùil, deuchainneach .. rud sam bith fhad 's a tha am film deireannach sa Ghàidhlig. Tha sinn air a thighinn an-àird le na cuspairean a leanas gus ur smuaintean cruthachail a stiùireadh:
![]() |
Tubaist |
![]() |
Chlisg mi! |
![]() |
Oidhche Shathairne... |
![]() |
Aodainn ùra, àiteachan ùra |
![]() |
Sorcha 's dorcha |
Chan eil e riatanach gun lean sibh cuspair, ach thèid cuid a dhuaisean a thoirt a rèir a' mhìneachaidh as cruthachaile air fear de na cuspairean gu h-àrd.
Feumaidh a h-uile inntrigeadh a bhith a-staigh ro 1 An Dùbhlachd 2008 gus an tèid tòiseachadh air a' bhreithneachadh agus gus an tèid agaibh air bhòtadh airson am film as fheàrr leibh. Thèid cuirm dhuaisean mìorbhaileach a chumail san Gearran, 's mar sin faighibh ur deiseachan agus frocannan as spaideile deiseil!
Gheibh an sgioba a bhuannaicheas ann an dà roinn fiathachadh le MG ALBA airson prògram-paidhleat aig ìre chraolaidh a leasachadh airson nan seirbheisean ùra air telebhisean agus air-loidhne a thèid a chur air bhog as t-fhoghar.
Cuimhnichibh gun leugh sibh na riaghailtean mus cuir sibh a-steach air a shon. Gur math a thèid leibh!
Faighibh PDF dean duilleag seo an seo.